Haidridean
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
S e eileamaid cheimigeach a tha ann an haidridean le samhla H agus àireamh atamach 1.[2]
Haidridean | |
---|---|
![]() | |
Tiùb di-neartachaidh haidridein. | |
Buadhan | |
Samhla | H |
Àireamh | 1 |
Buidheann | 1 |
Ùine | 1 |
Bloca | s |
Seòrsa | Neo-mheatailtean |
Buadhan stuthach | |
Dath | Gun dath |
Teothachd leaghaidh | 13.99 K (−259.16 °C, −434.49 °F) |
Teothachd goilidh | 20.271 K (−252.879 °C, −423.182 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | (1.00784–1.00811) [1] |
Comh-dhealbhadh atamach | 1s |
Cor ogsaideachaidh | +1, –1 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1312.05 |
'S e gas dà-atamach aig an teothachd sheòmair a tha ann. 'S e an atam as aotruime agus as lugha a tha ann an atam haidridein. Tha trì iosatòpaichean cumanta de haidridean, 1H (seasmhach),[3] 2H no deuterium (seasmhach) agus 3H no tritium le leth-bheatha 4500 làithean.[4]
Taisgealadh
Ann an 1671 dh'ainmich Henry Cavendish an gas a tha an iom-obrachadh eadar meatailtean agus searbhag "adhar lasanta".Ann an 1783 dh'ainmich Antoine Lavoisier an gas sin "hydrogène" o chionn 's gu bheil haidridean a' cinneasachadh uisge nuair a tha i a' losgadh.
Reul-eòlas
Anns an tràchdas aice, dhearbhaich Cecilia Payne-Gaposchkin gu bheil a' Ghrian agus na reultan eile dèanta de haidridein.
Cleachdadh
Tha am pròiseas Haber a' cruthachadh amòinia airson stuth-mathachaidh is stuth-spreadhaidh à haidridean agus naitridean.Chleachdadh haidridean ann an longan-adhair ach tha e ro spreadhach. An dèidh don spreadhaidh an luing-adhair Hindenburg ann an 1937 tha longan-adhair a' cleachdadh helium.
Cleachdar deuterium ann an readhactaran niùclasach agus ann an speactromachd.
Cleachdar tritium airson solasachadh ann an uaireadairean agus soidhnichean.
Iomraidhean
- ↑ “Standard Atomic Weights”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ “haidridean”. An Seotal. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Air an àbhaist canar 1H "haidridean" ach tha an t-ainm "protium" cuideachd ann; faic “IUPAC Gold Book - Protium” (Beurla). Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ http://nvlpubs.nist.gov/nistpubs/jres/105/4/j54luc2.pdf
This article uses material from the Wikipedia article Haidridean, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.