Moscovium
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am moscovium le samhla Mc agus àireamh atamach 115.[1]
Moscovium | |
---|---|
![]() | |
Aidheon calcium-43 agus atam-amais ameireagium-243. | |
Buadhan | |
Samhla | Mc |
Àireamh | 115 |
Buidheann | 15 |
Ùine | 7 |
Bloca | p |
Seòrsa | Bloca-p |
Buadhan stuthach | |
Dath | Chan eil fhios againn |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | Chan eil e seasmhach |
'S e eileamaid glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Rinneadh caractarachd ri 4 iosatòpaichean de mhoscovium. Tha 289Mc, le leth-bheatha 220 ms, as seasmhaiche.
Eachdraidh
Ann an 2004 rinn Co-institiud airson Rannsachadh Niùclasach ann an Dubna, An Ruis agus an Deuchainn-lann Nàiseanta Oak Ridge (Tennessee, Na Stàitean Aonaichte) ceithir ataman de mhoscovium. Rinn Oak Ridge an t-amas dh'ameireagium agus rinn Dubna an deuchainn, far an do bhuail iad ataman de chalcium ri amas dh'ameireagium. Ann an 2015 dhearbhaich IUPAC an taisgealadh agus thug iad don co-sgioba an còir an t-eileamaid ainmeachadh.[2]
Mhol IUPAC san Ògmhios 2016 e moscovium (Mc) ainmeachadh air an roinn Mosgò, far a bheil Dubna.[3]
Cleachdadh
Tha moscovium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.
Iomraidhean
- ↑ “IUPAC announces the names of the elements 113, 115, 117 and 118”. International Union of Pure and Applied Chemistry. Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ http://www.iupac.org/news/news-detail/article/discovery-and-assignment-of-elements-with-atomic-numbers-113-115-117-and-118.html
- ↑ http://iupac.org/iupac-is-naming-the-four-new-elements-nihonium-moscovium-tennessine-and-oganesson/