Titanium
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an titanium le samhla Ti agus àireamh atamach 22.
Titanium | |
---|---|
Sampla titanium criostalach. | |
Buadhan | |
Samhla | Ti |
Àireamh | 22 |
Buidheann | 4, titanium |
Ùine | 4 |
Bloca | d |
Seòrsa | Meatailt trastach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Airgead-gheal-liath |
Teothachd leaghaidh | 1941 K (1668 °C, 3034 °F) |
Teothachd goilidh | 3560 K (3287 °C, 5949 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | 47.867(1)[1] |
Comh-dhealbhadh atamach | [Ar] 3d2 4s2 |
Cor ogsaideachaidh | +1, +2, +3, +4 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 658.8 |
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1309.8 |
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 2652.5 |
'S e meatailt trastach làidir agus aotrom a tha ann. Tha an cor ogsaidicheadh IV as cudromaiche ann an ceimigeachd de thitanium, mar eisimpleir ann an titanium dà-ogsaid. Tha na clòraidean TiCl4 agus TiCl3 cuideachd cudromach.
Eachdraidh
Ann an 1791 lorg William Gregor, bhiocar anns a' Chòrn, meatailt ogsaid ùr ann am mèinnear à Manaccan anns a' Chòrn. Ann an 1795 dh'ainmhich Martin Heinrich Klaproth e air na Τιτᾶνες, diathan Greugach.
Ann an 1910 thionnsgail Matthew A. Hunter pròiseas airson titanium fìor-ghlan a chinneasachadh. Theasaich e TiCl4 cuide ri sodium aig 700–800 °C de theothachd fo bhruthaidh àrd. Chleachdadh am pròiseas seo gus an do thionnsgail Wilhelm Kroll pròiseas ùr ann an 1932.[2]
Cleachdadh
Cleachdar a' mhòr-chuid de thitanium mar thitanium dà-ogsaid. 'S e stuth-datha sàr-gheal a tha ann. Cleachdar aloidhean titanium cuideachd ann an itealan, saidealan agus astasan.
Iomraidhean
- ↑ http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm
- ↑ Greenwood, N. N. is Earnshaw, A. (1984): Chemistry of the Elements. Butterworth Heinemann. ISBN 9780750628324.
This article uses material from the Wikipedia article Titanium, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.