Rutherfordium
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an rutherfordium le samhla Rf agus àireamh atamach 104.
Rutherfordium | |
---|---|
![]() | |
Ernest Rutherford | |
Buadhan | |
Samhla | Rf |
Àireamh | 104 |
Buidheann | 4 |
Ùine | 7 |
Bloca | d |
Seòrsa | Meatailtean trastach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Chan eil fhios agam |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | (267) Chan eil e seasmhach[1] |
Cor ogsaideachaidh | +4 |
'S e meatailt trastach glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha an cor ogsaidicheadh IV cudromach sa' cheimigeachd de rutherfordium, mar eisimpleir sna co-thàthaidhean rutherfordium clòraid (RfCl4), rutherfordium fluaraid (RfF4) agus rutherfordium ogsaiclòraid (RfOCl2).
Rinneadh caractarachd ri 15 iosatòpaichean de rutherfordium. Tha 263Rf, le leth-bheatha 11 mionaidean, as seasmhaiche.
Eachdraidh
'S dòcha gun do rinn an sgioba aig an Co-institiud airson Rannsachadh Niùclasach rutherfordium ann an 1964 nuair a bhuail iad plutonium-242 le aidheonan neon-22. Mhol iad an t-ainm kurchatovium, air Igor V. Kurchatov, fiosaigiche às an Ruis.Ann an 1969 rinn an sgioba aig an Oilthigh Bherkeley ataman rutherfordium-257 nuair a bhuail iad calafòrnium-249 le aidheonan carbon-12.Dh'ainmich an sgioba Ameireaganach e air Ernest Rutherford, fiosaigiche a thionnsgail à Sealainn Nuadh, agus ann an 1997 dh'aontaich e seo len sgioba Ruiseanach.[2]
Cleachdadh
Tha rutherfordium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.
Iomraidhean
- ↑ “Standard Atomic Weights”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “IUPAC Adopts Final Recommendations for Names of Transfermium Elements”, IUPAC. 30mh dhen Lùnasdal 1997. Air a thogail 30mh dhen Iuchar 2017.
This article uses material from the Wikipedia article Rutherfordium, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.