Gadolinium
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an gadolinium le samhla Gd agus àireamh atamach 64.
Gadolinium | |
---|---|
![]() | |
Gadolinium | |
Buadhan | |
Samhla | Gd |
Àireamh | 64 |
Ùine | 6 |
Bloca | f |
Seòrsa | Lantanach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Airgead-gheal |
Teothachd leaghaidh | 1585 K (1312 °C, 2394 °F) |
Teothachd goilidh | 3273 K (3000 °C, 5432 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | 157.25(3)[1] |
Comh-dhealbhadh atamach | [Xe] 4f7 5d1 6s2 |
Cor ogsaideachaidh | +1, +2, +3 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 593.4 kJ/mol |
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1170 kJ/mol |
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1190 kJ/mol |
'S e meatailt bof agus lantanach a tha ann. Mar na lantanaich eile, tha an aidheon +3 as cudromaiche ann an a cheimigeachd aige.
Eachdraidh
Ann an 1880 lorg Jean Charles Galissard de Marignac, ceimigear às an Eilbheis, loidhnean ùr ann an speactram samarskit agus dh'ainmich e an ogsaid ùr Yα.[2] Dhearbhaich William Crookes gum bu eileamaid ùr a bha ann an Yα agus dh'ainmich Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran e "gadolinium" air a' cheimigear Fionnlannach Johan Gadolin.[3]
Ann an 1930 rinn Félix Trombe gadolinium fìor-ghlan.
Cleachdadh
Cleachdar gadolinium ann an niùtron-sgiathan ann an readhactaran niùclasach agus mar stuth iomsgaraidh ann an MRI.
Iomraidhean
This article uses material from the Wikipedia article Gadolinium, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.