Copar
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an copar le samhla Cu agus àireamh atamach 29.
Copar | |
---|---|
![]() | |
Copar mar mhèinnear. | |
Buadhan | |
Samhla | Cu |
Àireamh | 29 |
Buidheann | Copar (11) |
Ùine | 4 |
Bloca | d |
Seòrsa | Meatailt trastach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Ruadh-dhonn |
Teothachd leaghaidh | 1357.77 K (1084.62 °C, 1984.32 °F) |
Teothachd goilidh | 2835 K (2562 °C, 4643 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | 63.546(3)[1] |
Comh-dhealbhadh atamach | [Ar] 3d10 4s1 |
Cor ogsaideachaidh | +1, +2, +3, +4 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 745.5 |
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1957.9 |
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 3555 |
'S e meatailt trastach a tha ann. Gheibh e cho-leaghadh le meatailtean eile.
Eachdraidh
Bha copar aithnichte ann an ro-eachdraidh. Thionnsgaileadh leaghadaireachd ann an Anatòilia mu 7500 RC agus dòighean co-mheatailtean a dhèanamh, mar umha, 4000 bliadhna nas fhaide nuair a thòisich an Linn an Umha.
Cleachdadh
Tha copar sònraichte leis a' bhacadh iosal a chuireas e air sruthan dhealain agus mar sin theid a' cleachdadh gu mòr a dhèanamh teudan dealanachd. Cleachdar copar gus mar eisimpleir uèir, buinn airgid, agus pìoban-uisge a dhèanamh.
Co-mheatailtean cudromach
Tha copar na bun mheatailt de na co-mheatailtean cudthromach prais agus umha.Is e a tha ann an prais co-mheatailt de copar agus sinc, tha na riochdan de copar agus sinc ag aobharachadh feartan eadar-dhealaichte air praisean. Tha 60/40 prais cumanta.Is e a tha ann an umha co-mheatailt de copar agus staoin.
Iomraidhean
This article uses material from the Wikipedia article Copar, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.