Neiptiunium
Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an neiptiunium le samhla Np agus àireamh atamach 93. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò is cruaidhe a tha ann.
Neiptiunium | |
---|---|
![]() | |
Cruinne neiptiunium-237. | |
Buadhan | |
Samhla | Np |
Àireamh | 93 |
Ùine | 7 |
Bloca | f |
Seòrsa | Actanach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Airgead-liath |
Teothachd leaghaidh | 912±3 K (639±3 °C, 1182±5 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | (237) neo-sheasmhach |
Comh-dhealbhadh atamach | [Rn] 5f4 6d1 7s2 |
Cor ogsaideachaidh | +3, +4, +5, +6, +7 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 604.5 kJ/mol |
Tha a' mhòr-chuid neiptiunium san àrainneachd a' dol à spreadhaidhean niùclasach san àile eadar 1945 agus 1963.
Eachdraidh
Ann an 1940 rinn Edwin McMillan neiptiunium le greasadair-mhìrean ann am Berkeley. Bhuail e niùtronan air uranium. Dhearbhaich Philip Abelson gum bu eileamaid ùr a bh' ann agus bhuannaich McMillan an Duais Nobel ann an Ceimigeachd.Dh'ainmicheadh e air am planaid Neaptun air sgàth 's gum b' e an eileamaid as dèidh uranium san clàr pillteach a bh' ann.
Iosatòpaichean
Tha 235Np, 236Np agus 237 nan iosatòpaichean neiptiuinium as cudromaiche.
Samhla | Leth-bheatha | Dòighean-sheargadh | Toraidhean |
---|---|---|---|
235Np | 396.1(2) laithean | alpha is grèim eileagtroin | 235U (grèim eileagtroin) 231Pa (seargadh alpha) |
236Np | 1.54(6)×105 bliadhna | grèim eileagtroin, beta agus alpha | 236U, 236Pu is 232Pa |
237Np | 2.144(7)×106 bliadhna | alpha | 233Pa |
Bith-eòlas
Càrnar neiptiunium anns a' chreatlach.
This article uses material from the Wikipedia article Neiptiunium, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (duhoctrungquoc.vn) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.