‘S e baile mòr agus port ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Donostia (Basgais) neo San Sebastián (Spàinntis).
Donostia-San Sebastián
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Gipuzkoa | ||||
Sgìre | Dùthaich nam Basgach | ||||
Co-chomharran | 43° 19' 17 Tuath 01° 59′ 08 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 60.89 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 185,506 (2010) | ||||
Dlùths | 3,046.58/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 943 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha an t-ainm a’ ciallachadh Naomh Sebastian ann an dà chànain leis gur e Naomh a’ bhaile a th’ann an Naomh Sebastian agus oir bha taigh cràbhach ann dhàsan o shin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1180 leis an Rìgh Sancho Sèolta. Tha Donostia suidhichte aig 33m os cionn ìre na mara, ri taobh a' bhàigh La Concha, aig inbhir na h-aibhne Urumea. Tha Donostia 356km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 76km bho Ghasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach. Tha 185,506 daoine a’ fuireach ann am Bilbao, an treas baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach agus an 34mh baile as motha na Spàinne. A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Gipuzkoa a th' ann cuideachd.
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Donostia. Tuitidh 1507mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 334mm nas motha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, fiù's an taca ri Albaː
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Donostia, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.