Braisil

From Wikipedia, the free encyclopedia

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Braisil,[1][2][3] neo Brasil[4][5]'S e a' chòigeamh dùthaich as motha a-rèir farsaingeachd agus a-rèir àireamh-shluaigh san t-Saoghal air fad. Tha crìochan aice san tuath leis a' Bheiniseala, le Sùranam, Guidheana agus Guiana Frangach, san iar-thuath le Coloimbia, san iar le Boilibhia agus Pearu, san iar-dheas leis an Argantain agus le Paraguaidh agus san deas le Uruguaidh. Tha an Cuan Siar san ear dhith.

Poblachd Fheadarail Braisil
República Federativa do Brasil
Flag of Brazil.svg
Bratach
Coat of arms of Brazil.svg
Gearradh-arm
Location Brazil.svg
Laoidh Nàiseanta
Hino Nacional Brasileiro (Portugalais)
Sluagh-ghairm nàiseanta
Ordem e Progresso
"Òrdugh agus Adhartas)"
Cànan(an) oifigeilPortagailis
Prìomh-bhaileBrasília
Baile as mothaSão Paulo
RiaghaltasPoblachd
Ceann-suidheJair Bolsonaro
Iar-cheann-suidheHamilton Mourão
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Phortagail
7mh, an t-Sultain 1822
Aithnichte29mh, an Lùnasdal 1825
Poblachd15mh, an t-Samhain 1889
Farsaingeachd
Iomlan8514877 km² (5mh)
Uisge0.65 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan183,888,841 (5mh)
Dlùths22/km² (182mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsaUS$11,873 (65mh)
Roinn tìdeBRT (UTC-3)
as t-samhradhBRST (UTC-2)
Ruith-airgidReal (R$)
Prìomh àrainn-lìn.br
Còd Àireamh fòn55

Tha Braisil a’ gabhail a-steach mòran eileanan cuideachd, m. e.:

  • Penedos de São Pedro e São Paulo
  • Fernando de Noronha
  • Trindade and Martim Vaz
  • Atol das Rocas

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Ainm na dùthcha

Tha deasbad aig an luchd-rannsachaidh cò às a thàinig an t-ainm "Braisil". Tha cuid den bheachd gur e ainm Gàidhealach a th' ann. Tha ceangal làidir leis an ainm Í Breasail san Seann-Ghàidhlig[6][7] Bha an t-ainm sgrìobhte air mapa an t-Saoghail anns an 15mh linn. Bha na h-Èireannaich a' cleachdadh an ainm airson "Tìr nan Òg" cuideachd.

Raon Sòisio-eaconomach nam Braisil
TaisbeanairRaon 'san t-SaoghalLuachDùthchannan Co-ionnana
Total Nominal GDP14mh604,855 millean USDAstrailia, An Ruis
Total PPP GDP9mh1,461,564 millean Int. DollarsAn Eadailt, An Ruis
Per capita Nominal GDP74mh3,325 USDRomàinia, Doiminicia
Per capita PPP GDP70mh8,049 Int. DollarsBulgàiria, Thailand
Gini coefficient111mh59,3Paraguaidh, Guatamala
Clàr-innse an Leasachaidh na Daonnachd63mh0.792An Ruis, Romàinia

Bailtean as motha

Bailtean eile

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Bun-chruinn-eòlas', le Dàibhidh Waugh is Tònaidh Bushell, Am Foilleachadh Gàidhlig 2004 le Stòrlann/Acair ISBN 0-86152-668-6
  6. www.irishargentine
  7. Irelandsown
  8. Geonames

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses. Wikipedia®is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article Braisil, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors).