B' e neach-teagaisg, sgrìobhadair, neach-lagha, eaconamaiche agus feallsanaiche à Braisil a bha ann an Paulo Reglus Neves Freire (Recife, 27 an t-Sultain 1921 – São Paulo, 2 an Cèitean 1997).
Sgrìobh e an leabhar Pedagogia do Oprimido (Gàidhlig: Teagasg nan Daoine fo Bhròn) agus leasaich e an teòiridh Pedagogia Crítica (Teagasg Sgrùdach). Ghabhadh Freire ri Marxachas agus thug Hegel agus Marx buaidh uabhasach fhèin làidir air a chuid obrach. A thaobh theagsaisg, rinn e càineadh gun sòradh air a' mhodail-tasgaidh (Portagailis: modelo bancário), far an robh an siostam foghlaim a' lionadh cinn nan sgoilearan le stuth is na sgoilearan uabhasach fhèin neo-ghnìomhach. 'S e, a rèir Freire, gun sparradh am modail-tasgaidh luachan agus feumlachdan sòisealta orrasa a bha millteach air an leasan. B' fheudar gun dùisgeadh mothachadh nan daoine (Portagailis: conscientização) agus iad a' cruthachadh a' churraicealaim air an sonsa, curraicealam a ghabhadh leis an cuid leasan. 'S e th' ann Teasgasg Sgrùdach. Chuir Freire seachad bliadhnaichean na neach-teagaisg oilthigh aig Oilthigh Geneva thall san Eilbheis.
Paulo Freire | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Recife (en) , 19 dhen t-Sultain 1921 |
Dùthaich | Braisil |
Ciad chànan | Portagailis |
Bàs | São Paulo, 2 dhen Chèitean 1997 |
Foghlam | |
Foghlam | Faculdade de Direito do Recife (en) |
Cànain | Portagailis Beurla Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-teagaisg, sgrìobhadair, neach-lagha, eaconamaiche, feallsanaiche, oide-eòlaiche agus bàrd |
Àitichean-obrach | Geneva |
Fastaichean | University of São Paulo (en) Oilthigh Geneva University of Campinas (en) University of Oldenburg (en) |
Obraichean comharraichte | Pedagogia do Oprimido |
Duaisean a fhuaras | |
Creideamh | |
Creideamh | Caitligeachd |
Pàrtaidh poileataigeach | Workers' Party (en) |
pedagogyoftheoppressed.com |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Paulo Freire, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.