B' e feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt a bha ann an Karl Heinrich Marx (Trier, 5 an Cèitean, 1818Lunnainn, 14 am Màrt 1883). Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid "am Manifesto Commanach" a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.

Karl Marx
Karl Marx 001.jpg
Beatha
Ainm slànKarl Heinrich Marx
BreithTrier, 5 dhen Chèitean 1818
DùthaichRìoghachd na Pruise  dhen Dùbhlachd 1848)
Àite-fuirichLunnainn
Trier
Berlin
Paris
Maison du Cygne - De Zwane (en) Translate
CinneadhIùdhaich Ashkenazi
Gearmailtich
Ciad chànanGearmailtis
BàsLunnainn, 14 dhen Mhàrt 1883
Àite-adhlacaidhcladh Highgate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (lung disease (en) Translate)
Teaghlach
AthairHeinrich Marx
MàthairHenriette Presburg
CèileJenny von Westphalen (en) Translate  (19 dhen Ògmhios 1843 -  1881)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
FoghlamOilthigh Jena
Gimnasium Real Frederick William III (en) Translate
(1830 -
Oilthigh Bonn
(dhen Dàmhair 1835 - 1836)
Oilthigh Humboldt Berlin
(1836, dhen Dàmhair 1836 - : jurisprudence (en) Translate, Feallsanachd
Àrd-fhoghlamDotair Feallsanachd
Stiùiriche an teusaisBruno Bauer (en) Translate
CànainGearmailtis
Luchd-teagaisgFriedrich Gottlieb Welcker (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdeaconamaiche, neach-naidheachd, eachdraiche, feallsanaiche, sòiseo-eòlaiche, rèabhlaideach, bàrd, neach-poileataigs agus sgrìobhadair
Àitichean-obrachKöln
FastaicheanNeue Rheinische Zeitung (en) Translate
Rheinische Zeitung (en) Translate
Obraichean comharraichteEconomic and Philosophic Manuscripts of 1844 (en) Translate
Das Kapital (en) Translate
The German Ideology (en) Translate
Am Manifesto Commanach
BuaidhGeorg Wilhelm Friedrich Hegel (en) Translate, Max Stirner (en) Translate, Ludwig Feuerbach (en) Translate agus The Essence of Christianity (en) Translate
BallrachdComann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach
Far-ainmeanGlückskind
Creideamh
Creideamhneo-dhiadhaireachd
Pàrtaidh poileataigeachCommunist League (en) Translate
IMDbnm0555631
Karl Marx Signature.svg

Beatha agus obair

Bha e na oileanach sna oilthighean ann am Bonn agus Berlin. Dh'imrich e do Pharas ann an 1843, far an do choinnich e Engels, agus Lunnainn ann an 1849. Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh. Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil. A rèir Marx,[1] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh.

Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd. Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883. Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro agus Paulo Freire.

Urraman

Dh'ainmicheadh an Oilthigh Leipzig air eadar 1953 agus 1990.

Aistean co-cheangailte

  1. Callinicos, Alex (2010): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7.