Rugadh MacCoinnich ann an 1917. 'S ann à Tarasaigh, Na Hearadh a bh' ann.
Sgrìobh e sgeulachdan, naidheachdan agus bàrdachd, le buaidh o bheul-aithris na chuid roisg agus bàrdachd. Sgrìobh e sgeulachdan air iomadh cuspair, ach thill e gu math tric do bheul-aithris, sci-fi agus cùisean os-nàdarra.
Rinn e eadar-theangachaidhean air bàrdachd Bhurns.
Rinn e ceum ann an Ealain agus Diadhachd ann an Oilthigh Chill Rìmhinn, a' ceumnachadh ann an 1944. 'S e ministear ann an Eaglais na h-Alba a bh' ann, an toiseach ann Togh Mòr, Uibhist a Deas (1947-55), Kilwinning Erskine (1955-75), Kirkhill (1975-82) agus Càirnis, Uibhist a Tuath (1982-85). An dèidh sin bha e na locum (ministear eadar-amail) ann an caochladh eaglaisean gus an do leig e a dhreuchd ann an da-rìreadh ann an 1991.
Leabhar-chlàr
Rosg
Seo liosta dhe na sgrìobhaidhean aig Cailean T. MacCoinnich:
MacCoinnich, Cailein T. (1956) 'An Sgathan', Gairm 18: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.191-199.
MacCoinnich, Cailein T. (1959) 'Am Priosan Saile', Gairm 27: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.117-122.
MacCoinnich, Cailein T. (1966) 'An Coigreach', Rosg nan Eilean: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.63-65.
MacCoinnich, Cailein T. (1967) 'Crudha Eich', Gairm 59: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.95-101.
MacCoinnich, Cailein T. (1969) Oirthir tìm Glaschu: Gairm, 1969
Sgeulachdan goirid
'An t-Eilean': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.155-160.
MacCoinnich, Cailein T. (1971) Mar sgeul a dh'innseas neach Glasgow W2 : Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
'An Tiodhlac Nollaig': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.108-112.
'Deireadh an t-Saoghail': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.145-149.
MacCoinnich, Cailein T. (1971) A' leth eile Glaschu: Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
nobhail
MacCoinnich, Cailein T. (1973) Nach Neònach Sin Glaschu: Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
MacCoinnich, Cailein T. (1977-78) 'Aiseal a' Cheaird', Gairm 101 An Geamhradh 1977-78, 42-59.
Bàrdachd
‘Mealladh’ ann an Iain A. MacDhòmhnaill (deas.) (1958) Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm, air a chur ri chèile Glaschu: Gairm, d.27
Iomraidhean
Tuilleadh Leughaidh
Meek, D. 1983. 'Ath-sgrùdadh: Cailean T. MacCoinnich', Gairm 123.
Black, R. An Tuil d.777-79.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Cailein T. MacCoinnich, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses. ®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.