Wiki Gàidhlig 2022: Carles Puigdemont i Casamajó
GàidhligVietnameseEnglish

'S e an dùthaich as motha san t-saoghal a tha san Ruis [2][3][4][5][6] neo Ruisia [7] (Beurla Russia ("Ruisia"); Ruiseis: Росси́я, eadar-litreachadh: Rossiya neo Rossija). 'S e "An Caidreachas Ruiseanach" gu h-oifigeil (Ruiseis: Росси́йская Федера́ция, eadar-litreachadh Rossiyskaya Federatsiya no Rossijskaja Federacija). 'S e Ruisis an cànan oifigeil, a bhruidhneas san dùthaich air fad. Cleachdar an Aibidil Cirilleach. Ach tha 27 cànanan oifigeil eile ann, tha sin a' crochadh air an roinn far a bheilear.

Российская Федерация
Rossiyskaya Federatsiya
Flag of Russia.svg
Bratach
Coat of Arms of the Russian Federation.svg
Gearradh-arm
Location Russia.svg
Laoidh Nàiseanta
Государственный гимн Российской Федерации (Ruiseis)
Gosudarstvenny gimn Rossiyskoy Federatsii
Hymn of the Russian Federation
Cànan(an) oifigeilRuiseis air feadh na dùthcha, + 27 cànanan eadar-dhealaichte anns na roinnean diofraichte
Prìomh-bhaileMosgo (Москва)
Baile as mothaMosgo
RiaghaltasPoblachd le siostam feadarail
Ceann-suidheVladimir Putin (Владимир Путин)
Prìomh-mhinistearMikhail Mishustin (Михаил Мишустин)[1]
Stèidheachadh
Stèidhichte862
Co-nasgadh na Ruise1991
Farsaingeachd
Iomlan17,075,400 km² (1ad)
Uisge13 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan142,000,000 (9mh)
Dlùths8.3/km² (209mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa$14,692 (52mh)
Roinn tìde(UTC+2 to +12)
as t-samhradh(UTC+3 to +13)
Ruith-airgidRuble
Prìomh àrainn-lìn.ru
Còd Àireamh fòn7

Eachdraidh

A-rèir beul-aithris chaidh an Ruis a stèidhicheadh ann an Kyiv leis na Lochlannaich anns an 9mh linn.Dh'fhàs an Ruis Crìostail anns an 10mh linn.

Lunn na Mongolaich, air an robh na Tartaraich, air an Ruis eadar 1237 is 1240. An dèidh sin, chaidh Mosgo am baile as cudromaiche le Ivan I na Ruise mar Phrionnsa Mòr. Fhuair Ivan III na Ruise buaidh air na Tartaraich aig Blàr na h-Ugra ann an 1480. Chaidh Ivan IV na Ruise na Ìmpire ann an 1547 is riaghlaich e le uabhas an dùthaich.

Riaghlaich na Romanovaich eadar 1613 nuair a chaidh Mìcheil Romanov a thaghadh mar Ìmpire is 1917. Stèidhich Peadar Mòr na Ruise Sankt Peterburg is ath-thogail e an eaglais, an t-seirbheis catharra, an t-arm is a' chabhlachd. Shabaidich an Ruis anns a' cho-bhanntachd an aghaidh Napoleon is na h-aonar an aghaidh Breatainne agus an Ìmpire Otomanach ann an Cogadh a' Chrimea, agus an aghaidh na Seapaine ann an 1904–1905. An dèidh sin bha rèabhlaid ann an 1905 is stèidhich Nikolai II pàrlamaid, an Duma, agus bun-reachd.

Bha an Ruis na pàirt dhen Aonadh Sobhiat eadar an rèabhlaid ann an 1917 anns an deach an stàit na phoblachd, agus 1991.[8]

Cruinn-eòlas

Tha an cuid as motha na dùthcha na laighe ann an Àisia, ach tha pàirt ann, a tha ceangailte leis an Roinn-Eòrpa.

Tha mòran aibhnichean ann an Ruis. Tha lochan mòra ann cuideachd:

Seo liosta nam bailtean as motha na Ruise:[9]

Daoine ainmeil

Faic cuideachd

Iomraidhean

  1. Roth, Andrew: “Russian PM and government quit as Putin proposes constitutional changes”, The Guardian. 15mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  2. Am Faclair Beag
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Dùthchannan ag SMO
  5. An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse, duilleag 390.
  6. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  7. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  8. Russia profile - timeline”. BBC. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2022.
  9. Mongabay

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: