Ruadhail

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Powfoot air iomall Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ruadhail (Beurla Ruthwell).

Ruadhail
Ruadhail
Ruadhail
Suidheachadh
Dùthaich Ruadhail Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 59′ 36″ Tuath
03° 24′ 27″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 400 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Ruthwell aig Visit Scotland

Tha e suidhichte aig dìreach 2m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Dùn Phris, ri taobh na h-aibhne Uisge Lochar, far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh. Tha e 35km air falbh bho Bheattock, 108km bho Ghlaschu, 104km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 400 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ruadhail. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha taigh-tasgaidh anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Clarencefield neo Comar na Drise agus dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Rith agus Weald (a tha a' ciallachadh Allt agus Coille) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Ruadli Bail le co-chàradh Lochlannais ann an a tha ainm an àite seo. Bheireadh sin Baile Ruadh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba, gu h-àraidh faisg air a' mhuir agus tha iomadh ainm-àite dà-chànanach Gàidhleach-lochlannach ann. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.

Eachdraidh

Tha sloinnidhean airson Thùsanaich mar Wallace agus Welsh pailt an sgìre ach tha an t-ainm-àite fhèin a' sealltainn gu robh na treubhan Sasannach gu math cumhachdail an seo an dèidh àm nan Ròmanach. Tha an eileamaid weald gu math cumanta san sgìre: Ruthwell, Mousewald, Torthorwald. Thog iad Crois le rùn-sgrìobhadh Lochlannach oirre san eaglais san 8mh Linn. Tha an sgrìobhadh ag ràdh: ᛣᚱᛁᛋᛏ ᚹᚫᛋ ᚩᚾ ᚱᚩᛞᛁ ᚻᚹᛖᚦᚱᚨ / ᚦᛖᚱ ᚠᚢᛋᚨ ᚠᛠᚱᚱᚪᚾ ᛣᚹᚩᛗᚢ / ᚨᚦᚦᛁᛚᚨ ᛏᛁᛚ ᚪᚾᚢᛗ, Krist wæs on rodi. Hweþræ'/ þer fusæ fearran kwomu / æþþilæ til anum. "Bha Crìosd air a' Chrois. Ach / thàinig daoine cròdha/ dhan thighearna aca". Bhristeadh a' Chrois ri àm An Ath-Leasachaidh agus fhalaich daoine a' bhaile e fo thalamh. Chaidh i a chàradh ann an 1818 leis a' mhinistear.

Fhuair Ruadhail a chuid chòirichean ann an 1519 ach cha tug sin idir piseach air malairt is gnìomhachas san sgìre, a tha cho dùthchasail na bha e a-riamh. Bha na Moirich gu math làidir an seo bhon 14mh Linn agus fiù 's chaidh Iain Moireach, fear dhen shliochd, a ghairm na Iarla Shrath Anainn leis an Righ Seumas VI ann an 1625. Chaidh Na Seumasaich seachd air Ruadhail air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail. Chaidh a' chiad bhanca-caomhnaidh san t-saoghal a chur air dòigh an seo leis a' mhinistear Eanraig Donnchadh ann an 1810. Stèidhich esan An Eaglais Shaor ann an 1846 cuideachd. Thogadh stèisean-rèile an seo ann an 1848 ach dhùnadh ann an 1965 e. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair dusan duine à Ruadhail bàs sa Chogadh Mòr agus dithis eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

Tags:

1975AlbaAn t-Sròn ReamharBaileBeattockBeurlaClarencefieldComar na DriseComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrisDùn ÈideannGlaschuGreatnaInbhir AnainnLinne ShalmhaighPowfootSiorrachd Dhùn PhrisTurasachdÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Bliadhna-leumAlice SpringsGealachSomerset MaughamMusicBrainz1401IarannBarack ObamaMoliseSileadhCreideamh1407San Diego, Calafòrnia1674HaidrideanProbhaistNiocaraguaWilliam McKinleyInbhir Chargaill1272TitaniumCairoEòlas-inntinnCalafòrniaSaidheansNua-libearalasDùthchannan CeilteachAibidil Eadar-nàiseanta FogharachGlaschu853Virtual International Authority FileCreag a' ChaisteilOntarioCreig na hAbhannAm Bàs Dubh23 am FaoilleachTurasachdPàpa Beinidict XVI17 am FaoilleachElba10 am FaoilleachSanskritInbhir NisTehranPunnd SasannachAchd an AonaidhOdharan MòrDàirichSantiago de CompostelaKarachi1905IomadachadhGalileo GalileiZagrebBIBSYSCoperniciumJeanne d'ArcÈideard I ShasainnAmsterdamISOGille-tòineMikhail BakuninEugenio MontaleÉideard DwellyGeorg Wilhelm Friedrich HegelSlighe Chloinn UisnichEarrann a' Phriair🡆 More