Dùn Sgoir

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba, a th’ ann an Dùn Sgoir.

Dùn Sgoir
Dùn Sgoir
Dùn Sgoir
Suidheachadh
Dùthaich Dùn Sgoir Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08' 27″ Tuath
03° 47′ 31″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 775 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara, ann an cridhe na roinne Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Clachan Eòin, ri taobh na h-aibhne Uisge Càrn. Tha e 16km air falbh bho Dhùn Phrìs, 83km bho Ghlaschu, 84km bhon An t-Sròn Reamhar agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.

Chan eil ach 775 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' anns a' chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Sgoir. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe agus a' chaorach.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Din Ysgor (Gàidhlig: Dùn na Lannsa) ann an Seann-Chuimris a tha an t-ainm, ged a tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Dùn Daingneach, air sàilleabh atharraidhean fuaimneachail sa chànan. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.

Eachdraidh

Sgrìobh Raibeart Burns Tam o' Shanter an seo ann an 1790, nuair a bha e na chroitear aig Elliesland. Chaidh an Drochaid Dalgonar a thogail an an 1818. Stèidheachadh loidhne-rèile eadar Dùn Phrìs agus Am Mòine Naomh tro Dùn Sgoir ann an 1905 ach dhùineadh an seirbheis ann an 1947. A rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 39 duine à Dùn Sgoir bàs sa Chogadh Mòr agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Tags:

Dùn Sgoir Freumhan an ainmDùn Sgoir EachdraidhDùn Sgoir Daoine ainmeilDùn Sgoir IomraidheanDùn Sgoir1975AbhainnAlbaAn t-Sròn ReamharBaileBàrr na DrisClachan EòinComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichGlaschuMuirSiorrachd Dhùn Phrìs

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

2024ArgonCruinn-eòlasSaidheans PoileataigeachAinmeanBizkaia (provincia)LunnainnSeleniumErwin SchrödingerOProbhaist1627GeòlasGeorge H. W. Bush1 an GearranFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichÁlava (provincia)Lee MarvinYvelinesHionduthachdÈirinn (eilean)MìosachanCuan SèimhCòrn Sasannach20 an LùnastalJosé Vicente ConchaMadadh-cuainAlbertaA' BheilgAn ÈipheitSileadhAonachLinne FoirtheReykjavík780An Rìoghachd AonaichteJames K. PolkLon dubhColann800Iain Mac a' GhobhainnHTMLMisael Pastrana Borrero12 an Giblean14 an Lùnastal1937Wicca28 am MàrtCoinneach I na h-AlbaMianmar30 an t-SultainAràibia nan SabhdMalairtJohn Paul JonesRoinnean na SpàinneAn FhraingCarles Puigdemont i CasamajóBrabhsair-lìnSudan7mh LinnBurundaidhLeabhar-eòlais🡆 More