Clarencefield

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clarencefield.

Clarencefield
Clarencefield
Clarencefield
Suidheachadh
Dùthaich Clarencefield Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00′ 11″ Tuath
03° 25′ 15″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,314 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Clarencefield aig Visit Scotland

Tha e suidhichte aig 26m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Mouswald agus Comar na Drise, ri taobh an Uillt Brow. Tha e 253km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 14km bhon Dùn Phrìs agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 1,314 duine a' fuireach san sgìre agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Clarencefield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, oifis a' phuist, taigh-òsda agus taigh-seinnse anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann idir is le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Comar na Drise agus dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh

Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do chuir Uilleam Uallas ruig air feachdan à Sasainn an seo ann an 1297. Chaidh tùr dìona a thogail an seo le Cuthbert de Cockpool san 15mh Linn. agus chaidh an lùchairt a thogail ris a thaobh ann an 1902. Ghabh Marion Carruthers ris a bheatha fhèin sa chaisteal ann an 1570 leis nach robh i airson a bhith a' pòsadh ris an Ridire Seumas Dùghlasach, à Bàrr na Dris, an dèidh gun d'fhuair esan cead laghail gus a bhith ga pòsadh. Chuir Raibeart Burns trì seachdain san taigh-seinnse an seo ann an 1796 nuair a bha e a' fulang galar lìnigeadh a' chridhe. Rachadh e dhan tobar Brow, far a dh'òladh e uisge is snàmhadh e sa mhuir. Bha e tinn is bochd, air sàilleabh nach phàigheadh an riaghaltas a thuarastal mar gàidear. Thuirteadh: The muckle deil had got into his pouch and was its only occupant. Chaochail e an ceann seachdain. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 12 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr agus dithis eile san Darna Cogadh.

Iomraidhean

Tags:

1975AlbaAlltBaileBeurlaComar na DriseComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuInbhir AnainnMouswaldMuirObar DheathainSgoilSiorrachd Dhùn PhrìsÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Gordon Brown1649ApartheidGàidhlig na h-ÈireannUicipeidAn RuisRiihimäkiBile (corp)F. Sherwood RowlandDi-haoineGraeme Dey1041An SpàinnDà-chànanasCorp-eòlasBreatainn MhòrAn t-Impireachd BheasantianLibearalas2005Salvatore QuasimodoBladeeOilthigh PhrincetonConaltradhLeòdhasAn Cèitean1862OilthighFarsaingeachdNobhailSan FranciscoPàipear-naidheachdRomàinia1500Eilean EòinBaile Átha CliathAlfred NobelCoille-GhuailEartra1767G9481506PàipearGearradh-armDùthaich1797An Rìoghachd AonaichteAn t-Aonadh EòrpachJohn Howard NorthropLeasotoDeuchainn-lannGearmailtisIoslam1936Napoleon BonaparteAn Ranntair a TuathSchaffhausen (Kanton)Leòdhas agus na HearadhAr-a-mach na FraingeInnis CheithDinnsear1831Buidheann cinneachail1919BulgàiriaStaitistearachdPioghaidIosraelArvid CarlssonEòlas-comainnTsunamiEilean na DeasgabhalachOsascoHarrison Ford🡆 More