Dùn Phris: Baile ann an Alba

‘S e baile meadhanach agus faisg air Cille Chùithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Phris (Beurla: Dumfries).

Dùn Phris
Dùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Bailtean Co-cheangailte
Dùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Bailtean Co-cheangailte
Suidheachadh
Dùthaich Dùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Bailtean Co-cheangailte Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Co-chomharran 55° 07' 00″ Tuath
03° 60′ 03″ Iar
Comharradh-clèithe NX977762
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 31,600 (2001)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil http://www.dumgal.gov.uk/

Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara, ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Inbhir Anainn, ri taobh na h-aibhne Nid. Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 15km bho Ruadhail agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phris, ach tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phris. A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Dùn agus ainm na treubh Frisianach neo Preas ann an seann Chuimris neo Gàidhlig a th' ann an t-ainm. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Druim neo Dronn a th'ann ainm an àite seo.A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann.

Eachdraidh

Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taigh-sheinnse Hole in the Wa' ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail Raibeart Burns an seo ann an 1796. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne 21 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh'Alba gu ruige na Gàidhealtachd. Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath latha. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Dhùn Phris. Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1957, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.

Bailtean Co-cheangailte

Daoine Ainmeil

  • Calvin Harris (1984). Cèoladair.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

  • Gàidhlig DumGal – làrach-lìn airson Gàidhlig ann an Dum Phrìs agus Gall-Ghàidhealaibh

Tags:

Dùn Phris Freumhan an AinmDùn Phris EachdraidhDùn Phris Bailtean Co-cheangailteDùn Phris Daoine AinmeilDùn Phris IomraidheanDùn Phris Ceanglaichean a-machDùn Phris1975Abhainn NidAlbaBaileBeurlaCille ChùithbeirtComhairle Dhùn Phris is Ghall-GhàidhealaibhDail BheitheDùn ÈideannEaconomaidhGlaschuInbhir AnainnObar DheathainPòlaisRuadhailSiorrachd Dhùn PhrisÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Stefania TurkewichWiccaCastelló obh obhBurundaidh23 an GibleanRoinnean na SpàinneNa h-AimearaganÁlava (provincia)ORìoghachd eSwatiniCailein T. MacCoinnichGàidhlig na h-Èireann15201937Victoria (na h-Eileanan Sheiseall)18502024Gebze30 an t-Sultainlàrach-lìnJersey NuadhASpòrs14 an Lùnastal9 an Lùnastal12 an t-ÒgmhiosFergie DòmhnallachChubut1902Digital Object Identifier12 an GibleanAlasdair UaibhreachMosgoMarie AntoinetteAfganastan19 an DùbhlachdAlberta15 am FaoilleachNeach-poileataigsÈirinn (eilean)CatCogaidhean na CroiseVirginia1960IasgachJohn Howard NorthropNa Stàitean AonaichteEaconomaidhWiki CommonsDonostia193424 an Giblean19 an GearranCoinneach I na h-AlbaA' ChongoEilean Mhanainn633DannsaLunnainnGnothachasGuatamalaTaigh na h-Uiseig1335HTMLIomadachadh1260an19mh LinnCastelló (roinn)FiadhA' Chuimrigh🡆 More