Inbhir Anainn: Baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh, Alba

‘S e baile beag dùthchasail agus port iasgaich faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Inbhir Anainn neo Anainn.

Inbhir Anainn
Inbhir Anainn: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil
Inbhir Anainn: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil
Suidheachadh
Dùthaich Inbhir Anainn: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58′ 59″ Tuath
3° 15′ 58″ Iar
Comharradh-clèithe NY 190 661
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,389 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 20m os cionn ìre na mara, air an àirde an iar-dheas Dhùin Phris is Ghall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Cathair Ruairidh agus Greatna, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 251km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 24km bho Dùn Phris agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a' mhòr-chuid dhuibh ann an Inbhir Anainn, ged a tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd, taighean-gnìomhachais agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha ceithir bun sgoiltean agus àrd sgoil ann. Ann an 2001 bha 8,389 duine a' fuireach an seo. Tha an t-Slighe Srath Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às an ainm Ban dhia Gàidhealach Anu neo Cuimris Anaw a tha ainm a' bhaile. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris neo Gàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba, gu ruige Inbhir Anainn.

Eachdraidh

Chaidh Inbhir Anainn a chlàradh san 7mh linn anns an làmh-sgrìobhainn Ravenna mar Anava agus ann an 1124 mar Estrahanent. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an taigh ann an Inbhir Anainn, far a bheil an taigh-seinnse Auberge a-nis, air DihAoine 20 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh' Alba gu ruige na Gàidhealtachd. Sgrìobh Raibeart Burns an dàn ainmeil The Deil's awa' wi' the Exciseman (Gàidhlig: Tha an diabhal air falbh leis a' ghàidsear) an seo ann an 1792, nuair a bha esan fhèin na ghàidsear. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 214 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr agus 56 duine eile san Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.

Daoine Ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

Tags:

Inbhir Anainn Freumhan an AinmInbhir Anainn EachdraidhInbhir Anainn Daoine AinmeilInbhir Anainn Bailtean co-cheangailteInbhir Anainn IomraidheanInbhir Anainn19752009Abhainn AnainnAlbaBaileBeurlaBeurla GhalldaCathair LuailCathair RuairidhComhairle Dhùn Phris is Ghall-GhàidhealaibhDùn PhrisDùn ÈideannEaconomaidhGlaschuGreatnaIasgachObar DheathainPortSiorrachd Dhùn PhrisÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

9 am FaoilleachBoris JohnsonÌmpireachd BhreatainnÌmpireachd Naomh na Ròimhe957TartuCanada9 an CèiteanBruach-an-IarAn TuircAn AbchasBucharest5 an DùbhlachdCaorannEabhraig Nuadh (baile)NHannes Þórður Pétursson HafsteinFirefoxIstanbul963Boilibhia1944Pàpa Pius IXEadailtisÉdith Piaf28 an t-SamhainAn t-Suain20 an GibleanLùth ath-nuadhachailChesapeake, VirginiaBàn-dheargBacteria30 an t-SamhainLord of the Rings (film)BancaMalabhaidh30 an t-ÒgmhiosFoghlamLeòdhas agus na Hearadh22 an Gearran923Robert WalpoleAristotelis1976SoriaUicipeid1899KolkataCarles Puigdemont i CasamajóSudanIorànCo-aonta WarszawaUgandaSluagh-phoblachd na SìneAnton Raphael MengsMykolaiv (Mykolaivska Oblast)19368 an t-ÒgmhiosGuiana FhrangachLàn-thoradh DùthchailSeanchas na FèinnePartan tuathalJeanne d'ArcNASADiaDath-dhalladhBolognaIntegrated Authority File4Meatailt Dhubh28 an Cèitean1656Cànanan Innd-Eòrpach2008An LaitbheFriedrich II na Pruise🡆 More