An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris: Baile eadar Dùn Choll agus Dùn Phris

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns a' Chlachan (Beurla: Kirkton).

An Clachan
An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil
An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil
Suidheachadh
Dùthaich An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris: Freumhan an Ainm, Eachdraidh, Daoine Ainmeil Alba
Co-chomharran 55° 11′ 00″ Tuath
03° 60′ 03″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 714 (2001)
Àireamh fòn 01387

Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara, ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dùn Phris agus Dùn Choll. Tha e 225km air falbh bho Obar Dheathain, 105km bho Ghlaschu, 36km bho Dhùn Phris agus 84km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chlachan. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, an cuairidh agus dreuchdan ann an Dùn Phris. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, bùth agus oifis a' phuist anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phris.

Freumhan an Ainm

Mar a h-uile baile leis an aon ainm ann an Alba, 's e dìreach an t-àite far an robh eaglais ann am meadhan sgìre dùthchasail a th' anns a' Chlachan.

Eachdraidh

Tha tobhtaichean dhaingnich a thog na Ròmanaich faisg air Baile na h-Eaglaise aig Carzield, dìreach ro taobh rathaid Ròmanach agus fiù 's lorgadh ball-ceàirde Ròmanach an seo ann an 2012. Thog am fear-malairt Alexander Johnston lùchairt air a bheil Carnsalloch House mu 1759 leis an fhortan a rinn e ann an Lunnainn. Bha Carnsalloch na sgoil gu ruige 2004 ach tha an togalach bàn a-nis. Tha buidheann ann an Dùn Phrìs a' cumail a-mach gu bheil bòcain a' tathaich an taighe. Lorgadh ball-ceàirde bhon 14mh Linn sa chladh ann ann 1992, san àite far ann robh Cille Quintin o shean. Chaidh an eaglais a thogail ann an 1822, a tha a' frithealadh a' pharraist air fad, a' gabhail a-steach Dùn Choll agus Dalswinton. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean


Tags:

An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris Freumhan an AinmAn Clachan, Siorrachd Dhùn Phris EachdraidhAn Clachan, Siorrachd Dhùn Phris Daoine AinmeilAn Clachan, Siorrachd Dhùn Phris IomraidheanAn Clachan, Siorrachd Dhùn Phris1975AlbaBaileBeurlaComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn ChollDùn PhrisDùn ÈideannEaconomaidhGlaschuObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrisÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

PagastànNa h-AilpeannanCòceinKZ Ravensbrück2003Glaschu an Iar-dheas (sgìre Phàrlamaid Westminster)A' Ghrèig ÀrsaidhSòrbais ÌochdarachRaon GhàsaCuimrisTorgny LindgrenEigeòlasBuill-Pàrlamaid na h-Alba, 2003-2007Leonardo Da VinciBangladaisMatamataigearCroataisMeadhan-aoiseanNorðurland vestraComhairle MhoireibhKMarie AntoinetteFrançois HollandeValentina TereshkovaBaile Chloichridh389Comhairle Siorrachd Rinn Friù an EarCorp-eòlasJacob ZumaHong KongSìonaisRomanais1908Charles de Gaulle1898Fionnghal NicDhòmhnaillReniumAm Mìosachan GriogarachIain Eairdsidh MacAsgaillPàipearConaltradh12 an CèiteanBraisilJohn Beag Ó FlathartaSaideal (reul-eòlas)UilebheistBungi (cànan)Riaghaltas na h-Alba22 am Màrt1669Toirt air falbhFàsach ThabernasLoch nam MadadhIan BlackfordCeimigeachdTràth làthaireachEigh-shruthSan Juan, Puerto RicoGuianaSydneyÀth TharracailPatrick WhiteSpringfield, Massachusetts15 an GibleanMoirfinMiseanaraidhMagne OftedalDi-ArdaoinDetroitGàidhligLeabanonBith-eòlasTeagasgEachdraidhAibidil CirillachAstatain🡆 More