Achadh Na H-Eaglaise

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Achadh na h-Eaglaise (Beurla: Eaglesfield).

Achadh na h-Eaglaise
Achadh Na H-Eaglaise
Achadh Na H-Eaglaise
Suidheachadh
Dùthaich Achadh Na H-Eaglaise Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 03′ 32″ Tuath
03° 11′ 49″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 691 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Eaglesfield aig Visit Scotland

Tha e suidhichte aig 77m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Eaglais Fheichin, ri taobh an Uillt Eaglesfield. Tha e 242km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 26km bhon Dùn Phris agus 99km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 691 duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eaglesfield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, oifis a' phuist agus taigh-seinnse anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e ainm dà-chànanach a th' ann an Eaglesfield: eglwys (eaglais) bho Chuimris agus Feld (achadh) bho shean Bheurla, a' toirt Achadh na h-Eaglaise dhuinn sa Ghàidhlig. Tha baile eile ann, thall an Sasainn agus thugadh luchd-stèidheachaidh an t-ainm sin airsan nuair a stèidhich iad e mu 1810. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris neo dà-chànanach ann an ceann a deas na h-Alba.

Eachdraidh

Bha muinntir a' bhaile gu math tàcarach, is iad uile nam breabadairean, mus do nochd inneal a dhèanadh an dreuchd san 19mh Linn. 'S ann à Eaglesfield a bha am fear mu dheireadh a chaidh a chrochadh a-riamh ann an Dùn Phrìs: chaidh òganach air an robh Raibeirt Mac a' Ghobhainn a chur gu bàs ann an 1868, air casaidean mhurt agus èigneachaidh. B' e Thomasina Scott, a bha dìreach 11 bliadhna a dh'aois, na h-ìobairt. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Eaglesfield bàs sa Chogadh Mhòr.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Tags:

Achadh Na H-Eaglaise Freumhan an AinmAchadh Na H-Eaglaise EachdraidhAchadh Na H-Eaglaise Daoine AinmeilAchadh Na H-Eaglaise IomraidheanAchadh Na H-Eaglaise1975AlbaBaileBeurlaComhairle Dhùn Phris is Ghall-GhàidhealaibhDùn PhrisDùn ÈideannEaconomaidhEaglais FheichinGlaschuGreatnaInbhir AnainnObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrisÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1320anWilhelm Conrad RöntgenBìoballNa h-Eileanan FilipineachBeanDeachdaireNa h-InnseachanGregor MendelGualIrène Joliot-CurieCarraig Fhearghais1770anFelidaeOilthighSaarlandAstràiliaDi-haoine5 an t-IucharCuanCarles Puigdemont i CasamajóPrìomh-mhinistear na Rìoghachd AonaichteJoachim FrankBeiliseApartheidBeurla GhalldaSpàinntisAn IapanEasbaigPàpa Pius VPrìomh-bhaileGàidhlig na h-Èireann949Napoleon BonaparteSchaffhausen (Kanton)Lars Onsagerwt5vyYCrudhaAn Spiorad Naomh2020NobhailOsascoBànrigh Ealasaid IIGMuscat13 an LùnastalRiihimäkiTarja HalonenCeimigeachdComainn & Eagrachaidhean19981595Yung LeanFìdiAchadh na Croise1990anBaile Átha CliathWashington (stàit)KWikimediaPòl Mac a' BhreatunnaichHarrison FordMarylandBristolMadridGuernseyAlmain8 an t-SamhainFCrùn na CastillaDùghlas RossAimearaga a Tuath1901Còraichean daonnaUicipeidBrabhsair-lìn🡆 More