Collin

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùin Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cuileann (Beurla: Collin).

Collin
Collin
Collin
Suidheachadh
Dùthaich Collin Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04′ 02″ Tuath
03° 31′ 32″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461

Tha e suidhichte aig 18m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Mouswald agus Torthorwald, ri taobh an Uillt Lochar agus Loch Roucan. Tha e 248km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 19km bhon Inbhir Anainn agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Collin. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha cladh agus taigh-òsda anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann às a' Ghàidhlig Cuileann a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.

Eachdraidh

Tha barpa ro eachdraidheil ann agus chaidh ball-ceàirde Ceilteach a lorg an seo ann an 1966, agus thogadh na Tormodaich caisteal agus cill an seo, air an robh Rokele, a chithear fhathast aig Rockallhead. Chaidh lùchairt thogail an seo leis an teaghlach Grierson, agus 's ann leotha a bhuineadh i gu ruige na 50an. Rugadh Elizabeth Crichton ann an Collin ann an 1779. Stèidhich ise an t-ospadal Crichton an Dùn Phrìs. 'S e breabadairean a bh' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Collin san 19mh Linn agus dh'fhas am baile nuair a dh'fhosgladh an rathad mhòr eadar Cathair Luail agus Glaschu ann an 1825. Tha Collin am broinn pharraist Torthorwald agus a-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 20 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr agus còignear eile san Darna Cogadh. Thogadh stèisean-rèile, air an robh Racks, an seo ann an 1848 ach dhùnadh ann an 1965 e.

Iomraidhean

Tags:

1975AlbaAlltBaileBeurlaComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuInbhir AnainnLochMouswaldMuirObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrìsTorthorwaldÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Anna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannBathar-bogBourgogneBàirdse321448SeoulRèidio dà LochaA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasA' GhearmailtFòn1912ArabaisGregor Mendel89Na h-AimearaganGavin DouglasTaigh Rìoghail Hanòbhair193Washington, D.C.AildiriaRheinland-PfalzYuri GagarinMòineGàidhligMogadishuBeart-chlòAnton ChekhovLàn-thoradh DùthchailBoireann-dhligheachasWikimediaLeonardo Da VinciDraoidh29GnothachasSudanDamhan-allaidhWAirgead (meatailt)Leabhar-eòlaisMohammad SarwarMartin HeideggerCeilteachD1977InnleadaireachdBorgBorneoK. Barry Sharpless1330SalzburgLinne Chluaidh2004Cànan prògramaidhNairobiBodach StòrrEachdraidh1381RèidioLao ZiCeòlFoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig68FiadhERampjaarIstituto Centrale per il Catalogo UnicoLide1830Dàibhidh CamshronCatarChristchurch, Sealainn NuadhAn Rìoghachd AonaichteRobert HenrysonTartu🡆 More