Hoddom

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Hoddom (Hodelm o shean).

Hoddom
Hoddom
Hoddom
Suidheachadh
Dùthaich Hoddom Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02′ 38.″ Tuath
03° 19′ 20″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01576
Duilleag oifigeil Hoddom aig Visit Scotland

Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglais Fheichin agus Cathair Ruairidh, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 246km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 19km bhon Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Hoddom. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha raon goilf agus carabhanlann anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Eaglais Fheicein agus dhan àrd-sgoil ann an Logarbaidh.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às an t-Sean Bheurla héafod agus holm, (Gàidhlig: Ceann an Eilein) agus le sin tha e coltach gun d'fhuair e ainm mu 650. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Lochlannais holm (innis) cuideachd. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba, gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Eachdraidh

Chaidh eaglais a thogail an seo le Naomh Mungo eadar 572 agus 575 ann an àite far an robh tèarmann pàganach ro làimhe. Chan eil càil air fhàgail bhon àm ud sin o chionn 's gun do thogadh na toglaichean ann am fiodh. Thogadh crois san 8mh Linn ann an stoidhle gu math àbhaisteach ann an ceann a tuath Shasainn, a chaidh a lorg san 19mh Linn. Chaidh Caisteal a thogail san 17mh Linn is mean air mhean leasachadh e fad na linntean, gu seach àraidh aig deireadh na 19mh Linne. Chuairtich an Caisteal an dèidh do Mhàiri I Alba fhàgail ach ghèill na luchd-dìon dìreach an ceann latha. Chaidh e a chuairteachadh a-rithis ann an 1559 agus rinn feachdan à Sasainn droch mhilleadh airsan san ath bhliadhna. Tha tobhtaichean an t-sean eaglaise, a chaidh a thogail ann an 1610, ri fhaicinn ged an do deach tè ùr a thogail ann an 1817.

Iomraidhean

Tags:

1975AbhainnAlbaBaileBeurlaCathair RuairidhComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhEaglais FheichinGlaschuGoilfLogarbaidhMuirObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrìsTurasachdÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ainmh-eòlasAirgead (malairt)Donald Trump1838157821 an t-ÒgmhiosFilm1 an Gearran20 an LùnastalNa h-Eileanan FilipineachKarachiAdolf Hitler1616An Talamh (planaid)Cruit198612 an Giblean2014Václav HavelStaitistearachdFiadhCastelló obh obhPoblachd na h-Èireann7mh LinnAn AetiòpAn t-Suain1695Mississippi (abhainn)Eaconomaidh1956Prìomh-DhuilleagAibidil EabhraGreugaisA' ChongoProbhaistVizcaya (provincia)CeimigeachdDùn BarraDonostia2 an GearranAràibia nan SabhdCanadaTaigh na h-UiseigBreatainn MhòrNa h-AimearaganAn Dàrna CogadhPoilisacaraid4 an t-ÒgmhiosVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)BogotáGàidhlig na h-ÈireannWiccaMìosachan GriogarachHionduthachdEacuadorSeleniumAn ÀithneFionnlannais1876Carl BoschFluarainEaglais Fhìor ÌosaIain Eairdsidh MacAsgaillCeòlAn t-Àrd RuighAn Rìoghachd AonaichteZHermann Hesse🡆 More