Locarbaidh

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Logarbaidh no Locarbaidh.

Locarbaidh
Locarbaidh
Locarbaidh
Suidheachadh
Dùthaich Locarbaidh Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 07′ 12″ Tuath
3° 21′ 25″ Iar
Comharradh-clèithe NY 135 815
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 4,009 (2011)
Àireamh fòn 01576
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 101m os cionn ìre na mara, ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Eaglais Fheichin, ri taobh na h-aibhne Water of Milk. Tha e 239km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 16km bho Inbhir Anainn agus 93km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Locarbaidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, dà thaigh-seinnse agus còig taigh-òsda ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil ann. Ann an 2001 bha 4,009 duine a' fuireach an seo.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais by (baile neo croit) agus ainm pearsanta mar Loker a tha ainm a' bhaile. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba, gu h-àraidh nas fhaisge air a' mhuir.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1306 mar Lokardebi. Tha Logarbaidh aimeil air sgàth 's gun do thachair an Lockerbie disaster no an Lockerbie bombing, mar a chanas luchd na Beurla an seo air 21 an Dùbhlachd 1988. Thuit pàirt dhen phlèan dhen Pan Am Flight 103 air a' bhaile an dèidh spreadhadh-boma le neach-fuathais. Chaidh 270 duine a mharbhadh, bha 11 daoine às a' bhaile fhéin.

Iomraidhean

Locarbaidh 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

1975AlbaBaileBeurlaComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDrochaid Mhic IainDùn PhrisDùn ÈideannEaconomaidhEaglais FheichinGlaschuInbhir AnainnObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrìsÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

StaitistearachdGustav KirchhoffDeimosCeòlMatamataigLàrach-lìnCastelló (roinn)FionnlannaisOntarioAn t-SuainSeoul193721 an GibleanVáclav HavelBall-coiseCogaidhean na CroiseEl SalbhadorGiùlanAn Talamh (planaid)ZBeàrnaraigh na HearadhAlbertaAn Cogadh Mòr9 an LùnastalSpòrsJaén (provincia)Roinnean na SpàinneEachdraidhGebze198630 an DàmhairAn ÈipheitAirgead (malairt)Immanuel KantHermann HesseLiosta dhaoine às a' ChuimrighAlbaCeann-fionnLuibh-eòlasA' Chongo23 an Giblean800Malairt780MìosachanRotterdamFraingis1850LucsamburgHionduthachdVizcaya (provincia)1934José Vicente ConchaPoilisacaraidTutankhamunPoileataigs3 an CèiteanGnothachasIain Eairdsidh MacAsgaill14 an LùnastalSasainnGàidhligÈirinn (eilean)Wiki CommonsCoinneach I na h-AlbaEadar-lìonCatEun-turais🡆 More