Provincia Jaén

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Jaén (IPA: xaˈen).

Jaén
Provincia Jaén Provincia Jaén
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Provincia Jaén
Provincia Jaén
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Jaén
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13,496 km²
Àireamh-shluaigh 670,600 (2014)
Dlùths 49.69/km²
Àireamh fòn + (953)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Jaén a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Jaén fad 13,496km² agus tha 670,600 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 14mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 25mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Ciudad Real, Córdoba agus Granada. 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Villa Gaiena ann an Laideann a tha an t-ainm, ged a bhìte a’ chleachadh an ainm Auringis airson a’ bhaile fhèin aig àm nan Ròmanch. A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à جيان (Jayyān) ann an Arabais a tha e. Tha teòiridh eile ann a tha ag ràdh gur ann à Dayan no (britheamh) ann an Eabhra a thàinig an t-ainm. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Eaconomaidh

'S ann crochte air àiteachas a tha eaconomaidh na roinne, gu seachd-àraidh dearc-ola airson ola-chroinn-ola a dheànamh. Thathar a' deànamh 1,015,697 tunna fad 550,000ha gach bliadhna - 25% fearann na Spàinne agus 42% Andalusia. 'S e 50% dhe na dearcan-ola na dùthcha a tha gam fàs anns an roinn seo.

Bailtean

Iomraidhean

Tags:

Provincia Jaén Freumhan an ainmProvincia Jaén EaconomaidhProvincia Jaén BailteanProvincia Jaén IomraidheanProvincia Jaén18331978Albacete (provincia)An FhraingAn SpàinnAndalusiaBun-reachdCiudad Real (provincia)Coimhearsnachd fèin-riaghlaidhCórdoba (provincia)DùthaichGranada (provincia)IPAJaén (baile)Roinnean na Spàinne

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Teàrlach IISneachdDà-chànanas1905Cànan nam Māori1388Indium1927MayenneMeagsago NuadhBinidPàrlamaidAn Lùnastal29 an t-SultainHoniara11 am MàrtBeurla Ghallda an Ear-thuath a DeasPoileataigsAlan G MacDiarmidDiadhaireachdSolnaPàpaNaomh Crìstean (eilean)NiueCàrEilean MhanainnCian-chonaltradh1928Eòlas-leighisComhairlean na h-AlbaPunnd SasannachFàsach RynLeaba chrochtaLàrach-lìnBile phrìobhaideachBoth Bhùirnich464Bith-mhoileciuilMuc-mharaTuiliumCamanachd UibhistIain MasonDi-ArdaoinGiurgiuAdelaideNaimibiaCoimhearsnachd air loidhneA' Ghrèig Àrsaidh2016Meg Bateman1842AisteMagnesiumDuluth, MinnesotaBBC Radio 6 MusicSigma1986Tarragona (provincia)1357San DiegoBallaPalastainAppenzell Innerrhoden (Kanton)5 am FaoilleachCofaidhSlòbhainisViðreisnWilliam Moerner1795Rìoghachd na h-AlbaZipaquiráAodachIosrael🡆 More