Penpont

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cill Osbairn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Penpont.

Penpont
Penpont
Penpont
Suidheachadh
Dùthaich Penpont Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 23′ 50″ Tuath
03° 46′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh mu 400 ()
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 62m os cionn ìre na mara, ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Am Mòine Naomh agus Bàrr na Dris. Tha e 316km air falbh bho Obar Dheathain, 101km bho Ghlaschu, 27km bhon Dùn Phrìs agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Penpont, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus Turasachd. A bharrachd air sin, tha carabhanlann, talla a' bhaile agus gailearaidh-ealain ann anns a’ bhaile, ach tha an taigh-seinnse dùinte an-dràsda. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Pen y Bont (Gàidhlig: Ceann na Drochaid) sa Seann-Chuimris a tha ainm a' bhaile. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Chaidh an t-ainm a ghàidhealachadh ann an 1316 mar Kinpunt, leis gun do nochd ar cànan ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.

Eachdraidh

Tha tobhtaichean chaisteil, air a bheil Tibbers (neo Tobar sa Ghàidhlig), faisg air a' bhaile, a bharrachd air tobhtaichean chabhsair bho àm nan Ròmanach. Thug Uilleam Uallas ionnsaigh air a' chaisteal ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba. Nochd Penpont sa nobhail The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner, a sgrìobh Seumas Hogg ann an 1824. Thoisich Fèil ann an 1891 agus tha e air a bhith a' dol bho neart gu neart fad còrr is ciad bliadhna. Thogadh eaglais ùr sa bhaile ann an 1867 san aon àite far an robh àite cràbhach air a bhith fad nan linntean. Tha dà chlach bhon 11mh Linn a lorgadh sa chladh ri fhaicinn san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phrìs. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 41 duine à Penpont bàs sa Chogadh Mòr agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

Tags:

17001975AlbaAm Mòine NaomhBaileBeurlaBàrr na DrisCill OsbairnComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhEalainGlaschuGàidhligMuirObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrìsTurasachdÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Andrew JacksonLa Guajira (Roinn)1922An t-SuainBerlinDùn Èideann18 an CèiteanLeasotoAn ÈipheitÀirdeF. Sherwood Rowland2024Poileataigs1942Selma LagerlöfAm Monadh NeagrachCarles Puigdemont i CasamajóLorna SlaterLamba, SealtainnGnothachasCapercaillie (còmhlan)Kazuo IshiguroBraisilPeppa Pig2 an CèiteanGamal Abdel NasserCunntasairCien años de soledadToronto1200ArcaibhWilliam McKinleyWisława SzymborskaAn UcràinNirribhidhLoch an EileinKenzaburo OeBriogais-snàmhUilleam UallasRoald HoffmannErbiumEnrique Olaya HerreraHumza YousafSàmaisÙranas (planaid)Sardainia800Beurla1902Brad PittAlbaEòlas-comainnSully PrudhommeInnis Tìle1831GaboroneCorragIasgachSeòl-maraMinistear na GàidhligVictor GrignardSudanAirgead (meatailt)Achd na Croitearachd (1886)Beanntan na h-Andes730OperaRoinn-Eòrpa🡆 More