1886 Achd Na Croitearachd

'S e lagh de Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Achd na Croitearachd (1886) (uaireannan: Achd Chroitearachd (Alba) 1886) a tha an sàs ann gus an latha an-diugh.

Anns an achd seo chaidh mìneachadh oifigeil a chur air bhonn cò th' ann an croitear agus dè tha ann an sgìre chroitearachd. Airson a chiad turais fhuair na croitearan tèarainteachd air an fhearann aca agus mar sin chuir an achd seo crìoch air Fuadaichean nan Gàidheal. Bha i a' leantainn gu ìre mhòr na h-achdan a chaidh a stèidheachadh ann an Èirinn ann an 1870 is 1881.

1886 Achd Na Croitearachd
Peighinn Choinnich, baile chroitearachd faisg air Uige anns an Eilean Sgitheanach

Ro-eachdraidh

Mar a chunnacas anns na Fuadaichean, cha robh còraichean oifigeil aig na croitearan air an fhearann aca gus 1886, bha e ceadaichte gam fuadach a-mach às na bailtean croitearachd aca gun dragh sam bith. Thòisich strì nan croitearan ann an 1874, air sgàth 's gun robh iad ag iarraidh na còraichean tradaiseanta air an fhearann air ais.

Tha adhbharan na strìthe rin lorg ann an eachdraidh siostam nan cinnidhean, a chaidh a stèidheachadh ann na Meadhan Aoisean. Tro leasachaidhean eaconomach is poileataigeach chaidh seallaidhean eadar-dhealaichte a chruthachadh eadar na daoine uasail agus an tuath:

The cultural force of dùthchas was pervasive in Gaeldom and was central to the social cohesion of the clan because it articulated the expectations of the masses that the ruling family had the responsibility to act as their protectors and guarantee secure possession of land in return for allegiance, military sevice, tribute and rental. It was a powerful and enduring belief which lived on long after the military rationale of clanship itself had disappeared and tribal chiefs had shed their ancient responsibilitities and become commercial landlords.

Thòisich strì nan croitearan air sgàth an gluasad "Home Rule" ann an Èirinn agus na beachdan aca a chaidh a thoirt do na h-Eileanan Siar leis na h-iasgairean. Chleachd iad stailcean màil agus chuir iad an sprèidh aca air a’ choitcheann. Bha na croitearan den bheachd gum b’ ann leotha a bha còraichean air a' choitcheann, ach bha na uachdaran gan iarraidh airson nan caoraich mòra agus mar oighreachdan seilg. Dh'fhàs an strì na bu mhiosa, dh'iarr na uachdaran bàtaichean-chogaidh airson an dìon an aghaidh nan croitearan. Bho àm gu àm bha ùpraidean is sàbaidean cruaidh eatorra.

Aig ìre phoileataigeach bhathar ag iarraidh fuasgladh laghail, mar sin chaidh Comunn Gàidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (Highland Land Law Reform Association) a chur air bhonn 1885 ann an Lunnainn. Cuideachd chaidh Pàrtaidh nan Croitearan a stèidheachadh, bha còignear bhuil phàrlamaid aca ann an 1885. 'S e 'Is Treasa Tuath na Tighearna' an sluagh-ghairm a bha aca.

Bha eagal air an riaghaltas gum biodh an gluasad "Home Rule" a' sguabadh thairis air a' Ghàidhealtachd cuideachd. Le agallamhan leis na croitearan air feadh na Gàidhealtachd rinn an Coimisean Napier sgrùdadh mionaideach air suidheachadh nan croitearan. Chuir iad aithisg a-mach ann an 1884. Dh’fheuch William Gladstone lagh ùr a chur tron phàrlamaid ach chaidh e a dhiùltadh san Chèitean 1885. Leig Gladstone an dreuchd aige dheth san Ògmhios 1885, ach dh'fhairlich na pàrtaidhean eile riaghaltas ùr a chruthachadh. Nuair bha Gladstone air ais san Fhaoilleach 1886 thug e an achd a-mach san 25mh den Ògmhios 1886.

An Achd

Airson a' chiad turais ann an eachdraidh na h-Alba bha Achd na Croitearachd (1886) a' dearbhadh gun robh còir aig na croitearan air an fhearann aca. Thug i inbhe laghail do na bailtean croitearachd tradaiseanta cuideachd.

Bha an achd a' dèiligeadh gu sònraichte leis na puingean a leanas:

  • Bha i a' toirt tèarainteachd fearainn do na croitearan, cho fad 's a bha iad ag obair na croite agus a' pàigheadh a' mhàil.
  • Bha cothrom ann a-nis a' chroit a thoirt seachad san teaghlach.
  • Ma bhios dìth aig na h-uachdaran air an fhearainn gheibh na croitearan dìoladh airson na leasachaidhean a rinn iad air a' chroit (m.e.: taigh no feansaichean a thogail, drèanadh an fhearainn).
  • Feumaidh am màl a bhith reusanta.
  • Thèid Coimisean nan Croitearan a stèidheachadh.
  • Cothrom do na croitearan am màl a chothromachadh le Choimisean nan Croitearan.

A rèir an lagha chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air bhonn. B' urrainnear dol ann nan robh trioblaidean eadar na h-uachdaran agus na croitearan. A-measg na ciad dleastanasan a bha aig a' choimisean bha e ri ràdh dè na sgìrean a bha nan sgìrean croitearachd agus mar sin a' tighinn fon achd ùr. B’ e sin na Siorrachdan tràidiseanta na h-Alba a leanas Sealtainn, Àrcaibh, Gallaibh, Cataibh, Siorrachd Rois, Cromba, Inbhir Nis is Earra-Ghàidheal. 'S e coimhearsnachd croitearachd a bha ann anns na sgìrean far an robh croitearan ann fad 's 80 bliadhna gun chùmhnant màil agus a' pàigheadh màl na b' ìsle na £30 gach bliadhna agus aig an robh coitcheann.

A-measg na dleastanasan eile den choimisean bha e aca ri màl cothromach a stèidheachadh agus ath-sgrùdadh a dhèanamh gach seachd bliadhna. Nan robh croitearan dhen bheachd gun robh e a' pàigheadh màl ro àrd bha cothrom aca dol don choimisean airson am màl a' cothromachadh. Gu math tric chaidh am màl a ghearradh sìos no a dhubhachd às, nan robh an croitearan a' pàigheadh cus roimhe sin. Bha cumhachd aig an coimisean an achd seo a leasachadh agus achdan ùra eile a chur air bhonn. Bha cumhachd aca cuideachd talamh feurach a thoirt do na croitearan airson croitean beaga a leudachadh.

Buaidh na h-achda

Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mun achd seo. Air an dàrna làimh bha na croitearan a' caoineadh nach deach an achd fada gu leòr, air sgàth 's nach robh cothrom aca greim fhaighinn air fearann torrach airson na croitean beaga aca a leudachadh. Agus na b' mhiosa, cha robh an achd a' dèiligeadh le suidheachadh nan coitearan, aig nach robh fearann idir. Ach an dèidh greis chunnaic iad gun robh an coimisean deònach na còirichean aca a chur gu bhuill, gu h-àraidh a thaobh tèarainteachd màil. Gu mì-fhortanach bha cion-airgid aig a' choimisean agus cha robh fearann gu leòr ann airson a thoirt do na croitearan cuideachd. Cha robh an achd a' dèiligeadh leis an duilgheadas a bu mhotha: am fearann a thoirt air ais do na croitearan. Cha robh fuasgladh ann do na cùisean far an robh an t-uachdaran agus na croitearan ag iarraidh an dearbh pìos fearainn.

Air an làimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh "...communism looming in the future" agus sgrìobh am pàipear-naidheachd The Scotsman gum b' e "great infringement on the rights of private property" a bha anns an achd seo.

Cha do chuir an achd crìoch air strì nan croitearan, air sgàth' s gun robh Arthur Balfour dhen bheachd gun tug an achd seo ùghdarras mhoralta dha gach ùpraid a chur sìos le armachd airson Law and order a stèidheachadh a-rithist. Mar sin thàinig bàtaichean-cogaidh air ais don Eilean Sgitheanach agus Tiriodh.

Anns na bliadhnaichean an dèidh na h-achda chaill Comunn Gàidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (a-nise fon ainm: Dionnasg an Fhearainn) agus Pàrtaidh nan Croitearan a' chumhachd phoileataigeach aca, air sgàth 's nach b' urrainn dhaibh aontachadh air ceist an fhearainn agus dè cho fad 's am biodh iad a' leantainn a' ghluasaid "Home rule" ann an Èirinn a thaobh seilbh an fhearainn.

Chaidh am beachd seo a thogail a-rithist ann an Achd Chroitearachd (1976) anns an d’fhuair na croitearan cothrom a' chroit aca a cheannachd airson prìs 15 x am màl bliadhnail agus mar sin a bhith na neach-seilbh. Ach le seilbh air a' chroit chaill iad an còir air grantaichean CCAGS (Crofting Counties Agricultural Grant Scheme). Ann an Achd Ath-leasachaidh Fearainn (Alba) 2003 chaidh còir ceannachd a thoirt do bhuidheann coimhearsnachd croitearachd eadhon an-aghaidh miann nan uachdarain airson leasachaidhean eaconomach is sòisealta a chur air adhart. Ann an Achd Chroitearachd 2010 chuirear co-ionnanachd do luchd-gabhaltais agus luchd-seilbh, gu h-àraidh a thaobh grantaichean agus dleastanasan agus chaidh soilleireachadh nas mionaidiche a chur seachad mu neo-làthaireachd. A-nise feumaidh an neach-gabhail no an neach-seilbh a bhith a' fuireach an taobh a-staigh 32 cileameatair bhon chroit. Le sin chaidh cothrom a chruthachadh croitean nach eil air an obrachadh ceart a thoirt seachad do luchd-gabhaltais ùr.

Le a bhith a' coimhead air ais ann an eachdraidh tha Hunter den bheachd gun do stèidhich an achd suidheachadh seann-fhasanta, suidheachadh gabhaltais eu-coltach ri Èirinn far an robh cothroman ann do na croitearan am fearann aca a cheannachd a rèir nan achdan "Home rule". Bha an achd gun buadhachd airson leasachadh a chur ri àiteachais agus nach do ghabh i a-steach beachdan poileataigeach is sòisealta. Ach a rèir Wightman tha Achd na Croitearachd (1886) a' sealltainn an rathaid gu ath-leasachaidhean an fhearainn ann an Alba, ged nach robh buaidh aice ach air a' Ghàidhealtachd. Chan eil fuasgladh do cheist an fhearainn ann gus an latha an-diugh air sgàth ’s gu bheil 2/3 de dh’Alba ann an làimh de 1.252 uachdaran a-mach à sluaigh de 5 millean Albannaich. (Àireamhan à 2000).

Iomraidhean

Leabhraichean

  • T. M. Devine: Clanship to Crofters' War: The Social Transformation of the Scottish Highlands. Manchester Univ Press, Manchester 1993
  • James Hunter: The making of the crofting community. John Donald, Dùn Èideann 1976 (deasachadh ath-sgrùdaichte, 2000), ISBN 0-85976-537-7
  • Derick S. Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. Basil Blackwater Publisher Lim., Àth nan Damh 1983, ISBN 0-631-12502-7
  • Andy Wightman: Scotland: Land and Power. Luath Press Lim., Dùn Èideann 2000, ISBN 0-946487-70-7

Ceanglaichean a-mach

Tags:

1886 Achd Na Croitearachd Ro-eachdraidh1886 Achd Na Croitearachd An Achd1886 Achd Na Croitearachd Buaidh na h-achda1886 Achd Na Croitearachd Iomraidhean1886 Achd Na Croitearachd Leabhraichean1886 Achd Na Croitearachd Ceanglaichean a-mach1886 Achd Na CroitearachdAn Rìoghachd AonaichteCroitearachdFuadach nan GàidhealÈirinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

SudanFeallsanachd13 an DàmhairMàiliDùthaichCambridgeDàirich5 an DùbhlachdJohann Wolfgang von Goethe5 an CèiteanGraz1028LeabanonBolognaDùthaich nan TàidhNa h-Eileanan BhathamaAmsterdamStephen FlynnRiaghaltas na h-AlbaÌmpireachd Naomh na RòimheLinne FoirtheChemnitzMeagsagoGrytviken27 an CèiteanPrìomh-bhaileSeumas Dùbhghlas-HamaltonLoch HuronBeanEaconomachdAarhus10 an CèiteanImpireachd nan Otomanach1856Iain BanksVlad ȚepeșNa Lochlannaich26 am Faoilleach1533Mykolaiv (Mykolaivska Oblast)NaoiseMean-fhàsPàrtaidh Libearal Deamocratach na h-AlbaBoilibhiaCànan OifigeilBerlin an Iar, Alba NuadhDoris Lessing894794Coimpiutaireachd41893An CuiltheannFritz HaberAn ArgantainBeurlaKarl Marx2020an19391710anFoghlam tro Mheadhan na GàidhligLeonid BrezhnevAn DanmhairgLeabhar-eòlaisValladolidAstràiliaAn IapanSeann-GhàidhligDeamocrasaidhBreac (tinneas)HeileacoptairDohaCorp-eòlasMaighread StiùbhartGregor MendelGintinneachd🡆 More