An Dàrna Cogadh

'S e cogadh mòr a bha anns An Dàrna Cogadh, eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan a' Chaidreachais is a' Ghearmailt, An Eadailt agus Iapan.

An Dàrna Cogadh
An Dàrna Cogadh
Ceann-latha 1mh an t-Sultain, 1939 – 2mh an t-Sultain 1945
Àite an Roinn Eòrpa, Afraga, Àisia
Buil Buaidh na Caidreachais
Luchd-cogaidh
An Caidreachas: *a' Ghearmailt

'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an Fhaisisteachais, an Deamocrasaidh agus an Co-mhaoineas a' sabaid ri chèile sa chogadh.

An Cùmhnant Munich

29mh an t-Sultain, 1938, chuir Neville Chamberlain (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier (An Fhraing), Adolf Hitler (A' Ghearmailt) is Benito Mussolini (An Eadailt) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).

An Dàrna Cogadh
Na prìosanaich tinne leis an acras ann am camp-braighdeanais Ebensee

Uile-losgadh

Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den Iùdhaich Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh Adolf Hitler air a' chuspair sin san leabhar leis - Mo Chath Fhein (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san Chiad Cogadh. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.

Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na Roinn-Eòrpa, mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.

An Dàrna Cogadh ann an litreachas

Litreachas Gàidhlig

Rosg Gàidhlig


Bàrdachd Ghàidhlig

Litreachas Aimeireaganach

Litreachas Pòlainneach

  • Jerzy Kosiński. The Painted Bird.
  • Władysław Szpilman. The Pianist.

Litreachas Eile

  • Anne Frank, The Diary of a Young Girl (1944)
  • Vercours, Le Silence de la mer ("Sàmhachd na mara") (1941)

Ceanglaichean a-mach

Faic cuideachd

Tags:

An Dàrna Cogadh An Cùmhnant MunichAn Dàrna Cogadh Uile-losgadhAn Dàrna Cogadh ann an litreachasAn Dàrna Cogadh Ceanglaichean a-machAn Dàrna Cogadh Faic cuideachdAn Dàrna CogadhA' GhearmailtAn CaidreachasAn EadailtCo-mhaoineasCogadhDeamocrasaidhFaisisteachasIapan

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Prìomh-Dhuilleag546 RC1909AinmeanGàidheil ÒgaAlasdair mac Mhaighstir Alasdair881Lochan Coir' a' GhobhainnBaile Naoimh Eòin, an Talamh ÙrYang LiweiEòlas-inntinnBarail-fhuasgladhDuais Nobel ann an CeimigeachdJohn F. Kennedy415Eadar-lìonTionndadh GnìomhachaisNollaigGuiana FhrangachOpossumAnndra AbstolRomàinis1931FilmGAberfal1653Alex MacFhearghaisSpòrsGàidhligBeurla Ghallda an Ear-thuath a DeasÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteAn Roinn-EòrpaSealainn NuadhAirmeiniaCànanan Ceilteach1966AfraganaisTsade19981546BoilibhiaInnleadaireachdReidiusSequamur (dealbh-chluich)KasabianAdag (arbhar)SpioradalachdEl SalbhadorGamal Abdel NasserSlighe Costa na Cuimrigh28 am MàrtIasgachDi-SathairneCòceinCubhait893Raspberry PiAn GibleanLaideannBàta-tumaidhJohannes GutenbergSamuel BeckettSomme (département)A' Bheurla GhalldaCoirèa a TuathMohammedNeach-teagaisg1845Ella Fitzgerald5 an Gearran22 an GibleanKen KeseyNa h-Eileanan Asgrab🡆 More