Templand

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Templand.

Templand
Templand
Templand
Suidheachadh
Dùthaich Templand Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 09′ 45″ Tuath
03° 26′ 18″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01576

Tha e suidhichte aig 60m os cionn ìre na mara, ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Applegarthtown agus Parkgate, ri taobh na h-Aibhne Kinnel. Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 22km bho Inbhir Anainn agus 90km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Templand. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Logarbaidh. A bharrachd air sin, tha trì tuathanasan ri timcheall a' bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann, agus le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Logarbaidh neo Loch Mhabain.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Tìr nan Teamplairean, leis gu robh iad uabhasach làidir san sgìre o shean. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Teampull a tha ainm an àite seo. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.

Eachdraidh

S' ann leis an teaghlach Jardine a bha an t-àite o shean. 'S e Tormodaich a bh' annta, a ràinig san 12mh Linn. Thog iad tùr dìona an seo mu 1500, air a bheil Spedin. Leasachadh ann an 1605 i ach bha e na thobhta fad na 19mh Linne leis gun do thogadh lùchairt, air an robh Jardine Hall, ann an 1814. Leagadh an lùchairt sin ann an 1964. Chaidh tùr dìona eile a thogail san sgìre mu 1600, air a bheil Elshields Tower, a bhuineadh do Chlann 'Ic Iain. Thoisich gnothach a' chuaraidh san 19mh Linn is fiù 's chleachdadh a chuid chloiche gus taigh-tasgaidh Kelvingrove a thogail. Thathar a' cladh sa chuaraidh gus ar làithean.

Iomraidhean

Tags:

1975AbhainnAlbaApplegarthtownBaileBeurlaBeurla GhalldaComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuInbhir AnainnLoch MhabainLogarbaidhMuirObar DheathainParkgateSiorrachd Dhùn PhrìsÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1892CluaranDail ChèNicolas SarkozyBraisilKJohn F. Kennedy1907Na h-Eileanan CanàrachCoirea a Tuath1927BeathachJoe Biden1940anAlba NuadhNirribhidhDannsaAn t-SèirbMuirAirmeiniaFloridaCorgStockholmA' GhaimbiaBeulWiki Commons11863David HumeAn OstairOklahoma City, Oklahoma3930 an GearranEric Maskin19251990LDevanāgarīSaarlandUMassachusettsUairAurora, ColoradoU2NeadAn ÀithneFìon19761906Telurium7SasainnLiotuàiniaDuais Nobel ann an Ceimigeachd197918711971Cùba1986Gàidhlig1626 an t-Iuchar1922An Rìbhinn (planaid)Fòn-làimhArabais17931565An Eadailt6078Aepyceros melampusLaideannAn DanmhairgLùth ath-nuadhachail1878🡆 More