Applegarthtown

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Applegarthtown.

Applegarthtown
Applegarthtown
Applegarthtown
Suidheachadh
Dùthaich Applegarthtown Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08′ 24″ Tuath
03° 24′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Loch Mhabain agus Logarbaidh, ri taobh na h-Aibhne Anainn. Tha e 238km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Applegarthtown. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha tèarmainn nam fiadh-bheathach ann. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Logarbaidh neo Loch Mhabain.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Baile Garradh an Ubhail, bho Seann-Lochlannais epli (Uabhal) agus garðr (Garradh). 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba, gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Eachdraidh

Rachadh rathad Ròmanach tron sgìre o shean agus bha Cill aig Ridirean an Teampaill ann cuideachd. Seo far an d'rinn an Righ Èideard I Shasainn ùrnaigh ann an 1300 air an t-slighe gu Cille Bhlàthain. Chaidh crois mhargaidh a thogail an seo san 17mh Linn agus chumadh fèilltean an seo bho 1685. Thogadh eaglais ùr an seo mu 1760 agus leasachadh ann an 1822 agus 1900 i. Chaidh Applegarthtown agus Sibbaldie a dh'aonadh ann an an pharraist ann an 1609. Tha am parraist seo am broinn pharraist Loch Mhabain a-nis. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 27 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr agus triùir eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

Tags:

1975AbhainnAlbaBaileBeurlaBeurla GhalldaComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuInbhir AnainnLoch MhabainLogarbaidhMuirObar DheathainSiorrachd Dhùn PhrìsÀiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

734BulgàiriaFarsaingeachdCromleaxCarraig Fhearghais1591Crùn na CastillaGnothachas2006An t-Urramach Niall RosBéal Átha FearnáinCill DaraComhairlean na h-Alba1998TTrèana2000Lùth1945An Èipheit24 an GibleanAlbert Einstein800Fòn-làimhGBladeeEartraPoblachd na h-ÈireannBeurla GhalldaParaguaidhDàin do EimhirCotonouIosraelLibearalasTsunamiSìonaPàipearDùthchannan an t-SaoghailSìona (roinn chultarach)HTML1702Brabhsair-lìnNa h-Iomaratan Arabach Aonaichte2005PioghaidOilthighArvid CarlssonFìdi199926 an GibleanBristolDi-haoineBunan-lùth nach teirg ann an Alba1979Cruinn-eòlas17973mh mìle-bliadhna RCAn ArgantainJohn Howard Northrop200460anRody Gorman11 an GibleanPàipear-naidheachdAn SpàinnJ15951862Cunntasachd12na linnIrène Joliot-CurieMichael JacksonNeach-poileataigs🡆 More