An T-Urramach Niall Ros

B' e ministear agus sgoilear na Gàidhlig a bh' anns an Urr.

Niall Ros M.A., B.D., CBE, DD, Dlitt (Gleann Dail, 1873 - Dùn Èideann, 17 Dùbhlachd 1943) (Beurla: Rev. Dr Neil Ross).

An t-Urramach Niall Ros
Beatha
Breith Gleann Dail, 1873
Dùthaich An T-Urramach Niall Ros Alba
Bàs Dùn Èideann, 17 dhen Dùbhlachd 1943
Dreuchd
Dreuchd deasaiche pàipeir-naidheachd
Ballrachd An Comunn Gaidhealach

Bha e na mhinistear anns an Lagan, Siorrachd Inbhir Nis bho 1923 gus a bhàs ann an 1943.

A Bheatha Phearsanta

Rugadh is thogadh e ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach. B' e Coinneach Ros athair agus b' e Mairead NicLeòid a mhàthair. Fhuair e foghlam ann an Obar Dheathain anns an Sgoil Gràmair Obar Dheathain, agus an uair sin aig Àrd-sgoil Ghlaschu ann an Glaschu. Rinn e ceum M.A. (master of arts) an uair sin aig Oilthigh Dhùn Èideann a' sgrùdadh Seann-Ghàidhlig agus Gaeilge a bharrachd air cànan agus litreachas na Gàidhlig. Bha dà sgoilearachd aige, bursaraidh bho Eaglais na h-Alba agus sgoilearachd Gillian Maclaine. Sgrìobh e trachdas 14 bliadhna as dèidh an M.A. air The Dramatic Element in Gaelic Literature agus choisinn e D.Litt.

A rèir iomradh a bhàis a nochd anns a' Glasgow Herald, b' e deagh phìobaire a bh' ann cuideachd.

Chaochail e ann an Dùn Èideann air Dihaoine 17 an Dùbhlachd 1943. Dh'fhàg e a bhean, dithis ghillean agus nighean.

Ann an 2004, thug a theaghlach a chuid pàipearan do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (NLS).

A Bheatha san Eaglais

Chaidh a òrdaicheadh ann an Eaglais na h-Alba ann an 1907. Bha e na mhinistear ann an iomadh àite; St James ann an Cathair Challdainn, Rosemount ann an Obar Dheathain, agus Buccleuch ann an Dùn Èideann mus chaidh a ghairm dhan Lagan.

Ann an 1933, chlàraich Oilthigh Ghlaschu e mar Ollamh-dhiadhachd (DD.).

A Bheatha ann an Saoghal na Gàidhlig

'S e daoine mòr ann an saoghal na Gàidhlig a bh' ann is e a' sgrìobhadh, a' dèanamh dàin agus an sàs ann an iomairtean. Ann an 1933, thug Rìgh Seòras V CBE dha air sgàth an obair a rinn as leth na Gàidhlig. B' e an obair a rinn e as leth a' Chomuinn Gaidhealach, mar cheann-suidhe nam measg, a choisinn chliù dha am measg nan Gaidheal.

Ghabh e pàirt anns a' cho-fharpais aig a' chiad Mhòd Nàiseanta ann an 1892 agus choisinn e duain airson an dàin 'Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs?'

Bha e na fhear-dheasaich aig An Gàidheal, pàipear-naidheachd a' Chomuinn. Dheasaich e leabhar cuideachd air The Heroic Poetry in the Book of the Dean of Lismore.

Ann an 1931, b' e ceann-suidhe an Comuinn Gaidhealach a bh' ann. Nuair a thòisich am Mòd ann an Inbhir Pheofharain am bliadhna sin, thug e seachad òraid air cor na Gàidhlig, a' moladh cleachdadh na Gàidhlig mar an dòigh as fheàrr gus a cumail beò.

Foillseachaidhean

Sgrìobhaidhean ann an Gàidhlig

  • Ros, An t-Oll. Niall (1938) 'An t-Eilean Sgitheanach', ann an Am Measg nam Bodach (Glaschu: An Comunn Gaidhealach) dd. 67-73.
  • Ross, Neil (1950) Armageddon: a fragment (Edinburgh: Albyn Press)

Sgrìobhaidhean ann am Beurla

  • 'Tìr nan Og, (Land of the Ever-Young)', ann an Guthan o na Beanntaibh (1927) deas. le John MacDonald (Glasgow: An Comunn Gàidhealach) d.169-174.
        Aiste air Tìr nan Òg ann an litreachas agus mac-meanma nan Gaidheal.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

An T-Urramach Niall Ros A Bheatha PhearsantaAn T-Urramach Niall Ros A Bheatha san EaglaisAn T-Urramach Niall Ros A Bheatha ann an Saoghal na GàidhligAn T-Urramach Niall Ros FoillseachaidheanAn T-Urramach Niall Ros IomraidheanAn T-Urramach Niall Ros Ceanglaichean a-machAn T-Urramach Niall Ros17 an Dùbhlachd18731943BeurlaDùn ÈideannGleann Dail

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LunnainnEuroAlbertaSpòrsPoblachd na h-ÈireannDùn ÈideannJohn Paul JonesCanadaZMìosachanCruitCroitearachd1902Uisge12 an t-Ògmhios16273 an CèiteanLon dubhProbhaistFergie DòmhnallachAn Talamh (planaid)Misael Pastrana Borrero28 am MàrtAfganastanMiotas-eòlas17 am Faoilleach1335Linne FoirtheUilleam UallasYvelines9 an LùnastalSuainis1938UicipeidCian-chonaltradhCruinn-eòlasIomadachadhAn Dàrna Cogadh4 an t-ÒgmhiosRotterdamInnis Tìle800PoileataigsÀiteachasSasainnEilean MhanainnRoinnean na Spàinne1850BogotáNeach-poileataigsImmanuel KantZenanaColannAlasdair UaibhreachA' Chongo1835Fèineag1470anDealanCastelló obh obhPoilisacaraidSeoulEartra🡆 More