Ar-A-Mach Na Frainge

B' e Ar-a-mach na Frainge (1789–1799) an tachartas poileataigeach na bu mhò agus na bu bhuadhmhoire a thachairt san Roinn Eòrpa san 18mh Linn agus san 19mh Linn.

Mar thorradh an ar-a-maich, thug a' Bhùirdeasachd thairis air a' chumhachd eaconomach agus san Riaghaltas san Fhraing, an àite na Clèire agus na h-Iar-fhaitheachd. Thathar dhen bheachd gur e modal airson atharraidhean poileataigeach air feadh an t-saoghail a th' ann fad còrr is dà cheud bhliadhna. Thug na sgrìobh grunn sgrìobhadair ri linn an t-Soillseachaidh, mar Thomas Paine agus Voltaire buaidh mhòr air na daoine ron an ar-a-mach cuideachd.

Ar-A-Mach Na Frainge

Aig deireadh an 18mh Linn bha Rìoghachd na Frainge, mar a’ mhòr-chuid dhe na dùthchannan air feadh na Roinne Eòrpa, fo bhuaidh Dheichdearachd air an robh An t-Seann Rèisim (Fraingis: L’Ancien Régime). Air sàilleabh sin, b’e co-chomann Sòisealta uabhasach roinnte a bh’ ann, far an robh cumhachd gun chrìoch aig an Rìgh, a bha dhen bheachd gur e toil an Tighearna a chuir e na àite agus ga chumadh na àite. B' e pribhileid agus cuid-seilbhe a bha aig cnap na cùise agus cha robh còirichean aig duine sam bith ach a' Chlèir agus na h-uachdarain. Chan fhaodadh dhan Rìgh droch shuidheachadh na dùthcha a cheartachadh an dèidh Cogadh nan Seachd Bhliadhna neo fiù 's piseach a thoirt air an eaconomaidh a bha ann an droch staing.

Thoisich an t-Ar-a-mach ann an 1789 nuair a sheas cruinneachadh nàiseanta an aghaidh an Rìgh. Stèidheachadh Pàrlamaid agus ghairmeadh còirichean sìobhalta agus bhotaidh ach thoisich ar-a-mach sna sràidean agus thug na daoine bochd ionnsaigh air a' Bastille, seann phrìosan ann am Paris.

Mhair sin gu ruige 1792 nuair a dh'fhàs cùisean na bu mhiosa. Bha an t-eaconomaidh air fàs na bu laige agus na bu chugallaiche. Ghairmeadh poblachd a chaidh an teaghlach rìoghail a chuir an greim. Bha na daoine bochd air cuidhteas faighinn daoine beairteach agus sagartan. Fiù 's chuireadh an Rìgh gu bàs tro Dhìcheannachadh. Ann an 1795 thug an Directoire, comataidh riaghalaidh na dùthcha, thairis air an riaghaltas ach bha an t-suidheachadh fhathast gu math cugallach agus mu dheireadh thall chuireadh Napoleon Bonaparte crìoch air an ar-a-mach ann an 1799 nuair a thug e thairis air an Riaghaltas.

Daoine ainmeil

  • Charlotte Corday
  • Georges Danton
  • Jean-Paul Marat
  • Maximilien Robespierre
  • Louis Antoine de Saint-Just

Iomraidhean

Tags:

1789179918mh Linn19mh LinnAn FhraingBliadhnaBùirdeasachdEaconomaidhPears-eaglaisRiaghaltasRoinn EòrpaSoillseachadhVoltaire

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1795Gregor MendelTroighPàpa Beinidict XVIIùdhachdLinne ChluaidhYBathar-bogUicipeidCo-nasgadh nam Muisca11Co-mhaoineasSgoil Eòlais na h-AlbaFriedrich EngelsDohaBeiliseFoghlam tro Mheadhan na GàidhligGealachSiorrachd PheairtAn GibleanSìonaisZulu (cànan)Islamabad92Na Stàitean AonaichteBohriumAn LaitbheDùn ÈideannPierre CuriePenrhyndeudraethCarbad-adhairProifeasan3 an DàmhairUile-losgadhLighicheDoricGeòlasEadar-theangachadhA' GhrèigSpeactram an t-SolaisJean-Jacques Rousseau21 am FaoilleachAntamonaidh1381CòcaireachdCàmhal14921703Raibeart I na h-AlbaPopWISOVInterlingueAn Ear-thuath a Deas2001Ùisdean MacDhiarmaidACCànanan CeilteachOhioBClach ghrùideach1757LerAildiria1794MosgoMohammedOilthigh Bergen191224917 an Giblean2021🡆 More