'S e na Seumasaich a chanar ris an fheadhainn a bha a' leantainn agus a' toirt taic don dà chuid :
Chog luchd-leantainn Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach ri luchd-leantainn Tigh Rìoghail Hanobhair, a thug Crùn Bhreatainn bhuapa san Ar-a-mach Ghlòrmhoir, 1688.
Ged a bha mòran uaislean am Breatainn air fad nan Seumasaich, 's ann an Alba a dh'èirich a h-uile ar-a-mach – ann an 1689-90, 1715, 1719 agus 1745-46 (Bliadhna Theàrlaich). Bhiodh na Seumasaich a' cur mòran suim sna fineachan Gàidhealach, agus bha e nas fhasa dhaibh feachd armaichte a chruinneachadh air Gàidhealtachd na h-Alba airson adhbharan co-cheangailte ri cruth na tìre, eachdraidh sòisealta – gu seachd àraid an cumhachd a bh' aig na cinn-cinnidh agus an cuid fir-taic – agus dìth smachd an riaghaltas sna glinn.
Ged a bha na rìghrean seo (agus Prionnsa Teàrlach Stiùbhart, mac an ochdamh Rìgh Sheumais), nam Pàpanaich, bha a chuid a bu mhotha dhen luchd-leantainn aca an Alba nan Easbaigich. Sa chumantas cha b' e adhbhar creidimh idir a thug air luchd-taic nan Seumasach èirigh.
Lean an cogadh seo aig diofar amannan suas gu 16mh Giblean 1746, nuair a rinneadh spàirn mu dheireadh nan Seumasach fon Phrionnsa Teàrlach, agus thugadh adhbhar nan Seumasach gu crìch aig Blàr Chùil Lodair, faisg air baile Inbhir Nis, Alba.
Bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na Sheumasach gu chùl. Is iomadach òran-brosnachaidh a rinn e an adhbhar nan Seumasach.
MacCoinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 – agus iomadach tionndadh às a dhèidh)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Na Seumasaich, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.