Inbhir Nis

'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-Alba a th' ann an Inbhir Nis (/iNʲɪrʲ'niʃ/ no /ilɪrʲ'niʃ/) agus 's e prìomh-bhaile sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Inbhir Nis
Inbhir Nis
Suidheachadh
Inbhir Nis is located in Alba
Inbhir Nis
Inbhir Nis (Alba)
Dùthaich Inbhir Nis Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Inbhir Nis
Co-chomharran 57° 28′ Tuath
4° 13′ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 40,900 (2001)
Àireamh fòn 01463
Duilleag oifigeil Inbhir Nis

Tha Inbhir Nis suidhichte aig beul (inbhir) Abhainn Nis agus 's e am baile as luaithe a tha a' fàs san Roinn Eòrpa san latha an-diugh. Ann an 2001 b' e 51,000 àireamh sluaigh a' bhaile agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo thairis air an ath deich bliadhna air fhichead ri thighinn.

Cruinn-eòlas

Inbhir Nis 
Mapa Inbhir Nis
Inbhir Nis 
Suidheachadh

Tha Inbhir Nis suidhichte aig ceann ear-thuath Ghlinn Albainn, air taobh deas an Linne Mhoireibh far a bheil am fìor-uisge a' dòrtadh a-mach a ceann ear-thuath Loch Nis ag coinneamh sàl na mara. Tha Ceann Loch Nis 6 mìltean air falbh. Tha beul searach Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir a tha a' ceangail an Linne Mhoireibh leis an Linne Dhubh le rathad Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lochaidh aig Clach na h-Àirigh air iomall a' bhaile.

Eachdraidh

Bha Inbhir Nis taigh do Na Cruithnich agus bha Calum Cille a' tadhail an seo ann an 565. Chaidh an caisteal a thogail le Maol Chaluim Mac Dhonnchaidh. Thog Crombhuel "Citadel" ri taobh a' Bhaile. Anns a' bhliadhna 2001 rinneadh cathair dheth, a cheilearaich am Millennium ur.

Gàidhlig

Chithear gun do dh'atharraich an cànan bho Ghàidhlig gu Beurla anns na linntean sa chaidh. Bathar ag ràdh anns an New Statistical Account of Scotland ann an 1845:

"... but it [Gàidhlig] is fast wearing out, and by the rising generation English is almost universally preferred, especially in the town of Inverness, where many of them are wholly ignorant of Gaelic."

Ann an 1881 bha Gàidhlig aig 23.3% de mhuinntir a‘ bhaile, ach ann an 2001 cha robh i aig ach 7.9% dhiubh.

Chaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1871.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Nis anns na bliadhnaichean 1897, 1903, 1912, 1923, 1928, 1936, 1949, 1957, 1966, 1972, 1984, 1997 agus 2014.

Tha oidhirpean anns a' bhaile airson a' Ghàidhlig a chumail beò, mar eisimpleir chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a chur air bhonn anns an Lùnasdail 2007.

Giùlan

Tha seirbheisean trèana (dìreach) bho Stèisean-rèile Inbhir Nis gu Obar Dheathain, Sràid na Ban-righ ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Pheofharain, Inbhir Uige/Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Lunnainn.

Tha rathad mòr (A9, A82 agus A96) a' ceangal Inbhir Nis le Obar Dheathain, Glaschu, Peairt, Inbhir Uige agus Dùn Èideann.

Tha plèanaichean bho Phort-adhair Inbhir Nis a' ceangal Inbhir Nis gu Sasainn, Eireann, agus An Roinn-Eòrpa.

Gniomhacasan

Is baile malairt agus rianachd a tha ann an Inbhir Nis anns an latha an diugh. Chaill Inbhir Nis an cuid bu mhotha de a gniomhacasan giollachais ré an treas ceathramh den fhicheadamh linn.

Daoine cudromach

Bailtean co-cheangailte

Sgrìobhaidhean mun bhaile

  • Mac a' Phì, Aonghas. 'Ainmean Inbhir Nis' Gairm 158, An t-Earrach 1992, 109-111.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Aonta Baile

Margadh Bhictorianach

Taigh-cùirte

Prìosan ùr

Slàinte

Foghlam

Tags:

Inbhir Nis Cruinn-eòlasInbhir Nis EachdraidhInbhir Nis GàidhligInbhir Nis GiùlanInbhir Nis GniomhacasanInbhir Nis Daoine cudromachInbhir Nis Bailtean co-cheangailteInbhir Nis Sgrìobhaidhean mun bhaileInbhir Nis IomraidheanInbhir Nis Ceanglaichean a-machInbhir NisAlbaComhairle na Gàidhealtachd

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

GeòlasAn Talamh (planaid)An t-Eilean SgitheanachPenrhyndeudraethGavin DouglasIasgachDonetsk (Donetska Oblast)HLuís Vaz de CamõesMusicBrainzBarbadosCànanachasDùn ÈideannGeorg Wilhelm Friedrich HegelFang (eun)1599741Acadamh Rìoghail Shuaineach nan SaidheansanAn Tòin MòrNils HolmerJoaquín MosqueraFaigheanFònSalvatore QuasimodoBeiliseOilthigh BergenAirgead (malairt)ClaidheamhImpireachd nan OtomanachAm PlocPoblachd na SìneLouis PasteurCòcaireachdNa h-Eileanan FilipineachSchleswig-HolsteinTroighUnnsaFoghlamGalațiOla1607Digital Object IdentifierLIùdhachd7 an GibleanBìoballWill Poulter2004Stàitean na h-Eaglaise1216Uilleam Dhòmhnaill 'ic ChoinnichMòineDamhan-allaidhBàgh na h-EaglaiseWashington, D.C.10Jean-Jacques RousseauJaume Aymar i RagoltaA' Phortagail12GreugaisCoirèa a DeasPopGàidhligTartuAn Roinn-Eòrpa1757DohaAlbaRiaghaltas1969Ballarat🡆 More