Theirear "ceilearadh", " tweeteadh" no "tweetigeadh" ri seo mar eadar-theangachadh air a' Bheurla "tweeting".
Is urrainn do luchd-cleachdaidh clàraichte brathan, ris an abrar tweets no bìogan sa Ghàidhlig, a leughadh agus a chur, agus faodaidh luchd-cleachdaidh neo-chlàraichte an leughadh. Stèidhichte ann an San Francisco, tha còrr is 25 oifisean aig Twitter Inc. air feadh an t-saoghail.
Chaidh Twitter a chruthachadh sa Mhàrt 2006 le Jack Dorsey, Evan Williams, Biz Stone agus Noah Glass, agus a chur air bhlàr ron Iuchar 2006. Bhon uair sin, ghrad-fhàs daoine air fad is leud na cruinne measail air an t-seirbheis, gus an robh 100 millean duine ga cleachdadh an 2012, 's iad a' cur 340 millean brath gach latha. Cuideachd, bha an t-seirbheis a' faighinn 1.6 billean ceistean-rannsachaidh san latha agus an 2013, bha i air tè de na 10 làraichean as motha a fhuair de thadhal air an eadar-lìon.
This article uses material from the Wiki Gàidhlig article Twitter, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
#Wikipedia® is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.