B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Raibeart Brus (11 an t-Iuchar 1274 – 7 an t-Ògmhios 1329).
Is dòcha gu bheil ‘‘ Bruce ’’ a ’tighinn bho Flemish‘ ‘de Bruce’ ’, a’ tighinn bho na fearann ris an canar a-nis Bruges ann an a ’Bheilg. Airson sgoilear eile tha Bruce a ’tighinn bho phrìomh-ainm a’ Bhreatainn Bhig Breizh
Raibeart I na h-Alba | |||||
---|---|---|---|---|---|
9 dhen t-Samhain 1292 - 1314 - Éideard Brus →
25 dhen Mhàrt 1306 - 7 dhen Ògmhios 1329 ← Iain na h-Alba - Daibhidh II, Rìgh Alba → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Turnberry Castle (en) , 11 dhen Iuchar 1274 | ||||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||||
Bàs | Càrdainn Ros, 7 dhen Ògmhios 1329 | ||||
Àite-adhlacaidh | Abaid Dhùn Phàrlain Abaid Mhaolrois | ||||
Nàdar a’ bhàis | (an luibhre) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Raibeart Brus, 6mh Tighearna Shrath Anann | ||||
Màthair | Marjorie, Countess of Carrick | ||||
Cèile | Iseabail Mhàrr (1295 (Gregorian) - Elizabeth de Burgh (en) (1302 (Gregorian), 1302 (Gregorian) - | ||||
Clann | liosta
| ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||
Fine | Clann Bhruis | ||||
Foghlam | |||||
Cànain | A' Bheurla Ghallta Gàidhlig Angla-Nòrmannais | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-cogaidh agus monarc | ||||
Seirbheis san arm | |||||
Strì | Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Caitligeachd |
Mac le Raibeart Brus agus Marsaili, baintighearna Carraig, thàining am Brusach òg gu bhith na Iarla Carraig anns an 9 an t-Sultain 1291. ‘S e ban-uasal Gàidhealach a bha na mhàthair agus fear dhe na Frangach a bha na athair. Bha am Brus òg fileanta ann an iomadach cànan: fhuair e Gàidhlig bho a mhàthair, Frangais bho athair, agus b' urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruidhinn cuideachd.
Ghabh am Brusach pàirt anns an ar-a-mach an aghaidh ceannas nan Sasannach sa bhliadhna 1297, ach bha e am measg nan uaislean a strìochd do dh'Eideard I ann an Irbhinn. And dèidh do dh'Uilleam Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice a chall ri arm Eideird I ann an 1298, sheas am Brusach agus John Comyn (bho 1299 cuide ri William Lamberton, Easbaig Cill Rìmhinn) mar fhir-dìona na h-Alba. Cha robh an dithis mòr aig a chèile, ge-tà, oir bha Comyn a' toirt taic do John Balliol a fhuair crùn rìoghail na h-Alba ann an 1292, nuair a bha seanair Raibeirt na fharpaiseach a bu chudromaiche eile, agus leig am Brusach dheth a dhreuchd ann an 1300.
Bha ceangal air Brus agus Comyn ge-tà, oir bha iad an dà chuid airson Alba neo-eisimeileach fhaighinn a-rithist. Ach nuair a choinnich iad anns an eaglais Dhùn Phris ann am 1306, tha e coltach gun do dh'èirich connspaid eadar an dithis agus chaidh Comyn a mhuirt leis a' Bhrusach. Thug Robert Wishart, easbaig Ghlaschu, easbaloid dha (ged a rinn a' phàpa ascaoin-eaglais air Brus na b' fhadalaiche), agus an dèidh dhaibh cabhag a dhèanamh gu Sgàin chaidh am Brusach a chrùnadh san 25 am Màrt 1306.
Chaidh e a chogadh ris na Sasannaich ach chaill e aig Blàr Meithinnidh ri arm fo stiùir Aymer de Valence, Iarla Pembroke. An dèidh sin bha aige ri teicheadh ri eilean Rathlin ach, anns an Fhaoilleach 1307, thill e gu Siorrachd Inbhir Àir agus thòisich e ris na Sasannaich a shabaid.
Chaidh Èideard I le arm a dh'Alba ach chaochail e faisg air Cathair Luail san 11 an t-Iuchar 1307. Cha robh a mhac, Eideard II, idir cho làidir ri athair agus gu slaodach ath-bhuidhinn am Brusach, a' chuid a bu mhotha na dùthcha. An toiseach rinn e a' chùis air fir-thaic Comyn (gu h-àraidh ann am Bàideanach), agus an dèidh sin bha e a' cleachdadh ceatharnach-cogaidh airson sin a dhèanamh, a' dèanamh sgrios air na caistealan a ghabh e. B' e na fir-chuidich a bu chudromaiche aige Eideard Brus, a bhràthair, Seumas Dùghlas agus Thomas Randolph.
‘S e am blàr a bu chudromaiche Blàr Allt a' Bhonnaich far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Èideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig Èideard III, rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' Chùmhnant Northampton.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Raibeart I na h-Alba, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.