B' e manach agus ollamh Gearmailteach a bha ann am Màrtainn Lùtair (Eisleben, 10 an t-Samhain 1483 - Ibidem, 18 an Gearran 1546).
Bha na beachdan ùra aige a' tòiseachadh an Ath-Leasachaidh.
Martin Luther | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Martin Luder | ||
Breith | Eisleben, 10 dhen t-Samhain 1483 | ||
Dùthaich | Ìmpireachd Naomh na Ròimhe | ||
Àite-fuirich | Eisleben Mansfeld Magdeburg Eisenach Erfurt Wittenberg | ||
Bàs | Eisleben, 18 dhen Ghearran 1546 | ||
Àite-adhlacaidh | Eaglais nan Naomh Uile | ||
Teaghlach | |||
Athair | Hans Luther | ||
Màthair | Margarethe Luther | ||
Cèile | Katharina von Bora (en) (1525 - 1546) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh Erfurt (1501 (Gregorian) - 1505 (Gregorian)) ceum maighstireachd | ||
Oileanaich dotaireachd | Andreas Hoffrichter (en) | ||
Cànain | Laideann Àrd-Ghearmailtis Nuadh Gearmailtis | ||
Oileanaich | Martin Helwig (en) Jacob Heerbrand (en) Michael Neander (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | eadar-theangair, diadhair, ollamh, western Christian monk (en) , neach-lagha, eadar-theangadair a' Bhìobaill, sgrìobhadair laoidhean, Protestant reformer (en) , preasbadair, feallsanaiche, aoghaire, sgrìobhadair, searmonaiche, ceòl-sgrìobhaiche agus scribe (en) | ||
Com-pàirtiche
| |||
Àitichean-obrach | St. Augustine's Monastery (Erfurt) (en) | ||
Fastaichean | University of Wittenberg (en) | ||
Obraichean comharraichte | Ninety-five Theses (en) | ||
Buaidh | Naomh Augustine à Hippo | ||
Gluasad | Ath-bheòthachadh na Gearmailte An t-Ath-Leasachadh Pròstanachas | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Latin Church (en) Lutharanachd | ||
Òrd | Augustinians (en) | ||
IMDb | nm1051447 | ||
Rugadh Màrtainn Lùtair (Martin Luther 'sa Bheurla) 10 an t-Samhain 1483 ann an Eisleben ann an Sagsainn-Anhalt. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar thuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e Laideann, gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’ s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do Oilthigh Erfurt. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: "Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach". Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd. An uair sin chaidh e gu Wittenberg airson rannsachadh diadhaireachd, far an do dh’ionnsaich e Greugais agus Eabhra. Ann an 19 an Dàmhair 1512 cheumnaich e le PhD. An dèidh sin thòisich e air a theagasg mar ollamh mu "Lectura in Biblia" ann an Oilthigh Wittenberg.
Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Bha Màrtainn Lùtair a’ teagasg mun Bhìobaill, ach airson bhliadhnachan bha smaoin trom aige: ciamar a gheibh mi Dia iochdmhòr? Aon oidhche, (chan eil an luchd-rannsachaidh cinnteach: eadar 1511-13 neo 1515-18) nuair a bha e a’ meòmhrachadh air rann Rom.1.17, thàinig an fhreagairt tro rann Hab. 2.4. : Is e gibht iochdmhor a tha anns a’ cheartas Dhè. Tha na daoine ga fhaighinn tron chreideamh a-mhàin. Chan urrainnear seo a chuir an gnìomh tron obair neo cliù fhèin! A-nis bha beachdan Mhàrtainn Lùtair gu tùr an-aghaidh malairt le litrichean-loghaidh, a rinn an eaglais Chaitligeach.
Mar sin sgrìobh e 95 argamaid a chuir e gu àrd easbaig Mhainz agus gu sagartan eile airson deasbad diadhaireachd a thòiseachadh. Canar gun do chuir e iad ri doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg anns an 31. den Dàmhair 1517 cuideachd. Cha robh Lùtair a’ gearan mu na dòighean aithreachais ceàrr a-mhàin, dh’iarr e ath-leasachadh am broinn na h-eaglaise cuideachd. Gu nàdarra cha do dh’aontaich an Eaglais Caitligeach ris na h-argamaidean. Mar sin bha tòrr cùisean-lagha ann, m.e.: Èigheachd Worms (Gearmailtis: Reichstag zu Worms), far an tuirt Màrtainn Lùtair: Tha am Bìoball os cionn riaghailtean na h-eaglaise. An dèidh sin chuir am Pàpa Màrtainn fon choill ann an 1521. Chaidh casg a chuir air na pìosan a sgrìobh Lùtair.
Fhuair Lùtair cuideachadh bho Frederick III à Sagsainn-Anhalt, a chuir air falach e mar „Junker Jörg“ air a’ Wartburg ann an Thüringen. An seo dh’eadar-theangaich e am Bìoball tùsail bhon Ghreugais agus Eabhra gu Gearmailtis ann an 11 seachdainean a-mhàin. Ach rinn e sin ann an cànan làitheil nan daoine. B’ e sin am Bìoball ris an canar Lutherbibel (Bìoball Lùtair) an-diugh. Leis an inneal clò-bhualadh ùr chaidh am Bìoball fhoillseachadh air feadh na Gearmailt gu math luath. Thòisich na daoine an cànan às a' Bhìoball a chleachdach. B’ e sin an t-àm far deach an Àrd-Ghearmailtis oifigeil a chruthaich.
Aig an aon àm bha Melanchthon, deagh charaid aig Mhàrtainn, a’ sgaoileadh nam beachdan ùra. O chionn 's gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhàgail. Theich mòran manachan agus cailleachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a’ stèidheachadh ris an cainte Eaglais Pròstanach (bho protestare: casaid, gearan).
Ach bha trioblaidean mòra ann am Wittenberg mu na dòighean ceart anns an eaglais ùir agus mar sin chaidh Màrtainn air ais. Dh’atharraich esan an t-aifreann a rèir a’ Bhìoball. Gus 1545 chuir e òraidean seachad ann am Wittenberg agus ghabh e a bheachdan airson chuspairean diofraichte. Ach anns an fharsaingeachd cha do chuir esan an t-Ath-Leasachadh air adhart.
Bha Màrtainn an aghaidh an t-seasganachd cuideachd. Ann an 1525 phòs e Katharina von Bora, cailleach dhubh, a theich às a’ mhanach. Bha sianar cloinne aca. Chaochail e air turas ann an Eisleben ann an 1546, ach chaidh a thìodhlacadh ann an Eaglais a' Chaisteil Wittenberg.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Martin Luther, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.