Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe

B' e cruinneachadh dhe stàitean, dùthchannan agus tìrean ann an cridhe na Roinn-Eòrpa fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann Ìmpireachd Naomh na Ròimhe neo, bhon 16mh Linn dhan 18mh Linn, Ìmpireachd Naomh Gearmailteach neo Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach, (Laideann: Sacrum Imperium Romanum, Gearmailtis: Heiliges Römisches Reich, Eadailtis: Sacro Romano Impero, Duitsis: Heilige Roomse Rijk) Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns a' Ghearmailt a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd.

Canadh cuideachd rithe A' chiad Reich neo Seann Ìmpireachd, gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus Ìmpireachd na Gearmailte (1871 - 1918). Bhathar dhen bheachd san 10mh Linn gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd Theàrlaich Mhòir agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal Naomh san ainm ach fo Friedrich I. ann an 1157 airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.

Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Sacrum Romanum Imperium
Heiliges Römisches Reich
9621806 Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe 
Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 962
Bliadhna mu Dheireadh 1806
Prìomh-Bhaile Aachen, München, Pràg, Regensburg, Vienna
Càna(i)n Oifigeil Duitsis, Eadailtis, Fraingis, Frìoslannais, Gearmailtis, Laideann, Polais, Slòbhainis, Sorbais
Farsaingeachd 15,508 km2
Àireamh-shluaigh 20,000,000 (1800)
Dlùths 1,289.66/km2

Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don teaghlach Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a Phàp ann an 800 gu ruige 888, nuair a chaidh a chall ann an sreath dhe cogaidhean agus còmhstri eadar teaghlaichean uasal. Chaochail an tagradh mu dheireadh ann an 924 agus, mu dheireadh thall, chaidh Otto I., sliochd Theàrlaich Mhòir, a chrùnadh na impire, ann an 962. Mhair an Ìmpireachd fad 800 bliadhna. Dh' fhàsadh i agus chrìonadh i fad na linntean agus dh' atharrachadh na stàitean a bha na broinn: Diùcachdan, Prionnsalachdan, Rìoghachdan, Easbaigeachdan agus fiù's bailtean saora marsanta. A dh'aindeoin sin, cha do leasachadh stàit chumhachdail aonadach a-riamh, leis cho làidir 's a bha cuid dhe na stàitean a bh'a ann, a bharrachd air na dùthchannan a bha ga cuairteachadh. Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an 1806 fo bhuaidh na Frainge agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar Ìmpireachd na h-Ostaire, A' Phruis, An t-Suain agus Co-chaidreachas na Rèine.

Chuir an Impireachd ainm gu còrdadh na sìthe le Impireachd nan Otomanach ann an 1568, a thug seilbh air Wallachia agus Moldàibhia gu Selim II.

Iomraidhean

Ìmpireachd Naomh Na Ròimhe 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

10mh Linn115716mh Linn187118mh Linn1918A' GhearmailtDuitsisDùthaichEadailtisGearmailtisImpireachd na GearmailteLaideannRoinn-EòrpaTeàrlach Mòr

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

3 an CèiteanJames K. PolkGiùlan19 an DùbhlachdAn ÈipheitInnis TìlePoblachd na SìneEun-turais2024Paul KarrerEalain-lèirsinneachEuroColann1902DeimosFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichEun-creachaidhGealachLon dubhGebzeTaylor Swift9 an LùnastalLucsamburgAiltireachdDonald TrumpNa h-AimearaganAlbertaRuisisMarie AntoinetteOntarioAn Talamh (planaid)Canada19381986George H. W. BushPoilisacaraidBraisilAibidil Eabhra23 an GibleanBrabhsair-lìnAn Innd-InnseJersey NuadhCailein T. MacCoinnichA' ChuimrighIain Mac a' GhobhainnNìgeiriaSeleniumGnothachasGeòlas2 an GearranImmanuel KantBurundaidhMisael Pastrana BorreroMississippi (abhainn)Ceann-fionnEastoinisJim MacGilleEathainTutankhamunProbhaistEaglais Fhìor Ìosa21 an GibleanAlasdair UaibhreachA🡆 More