Martin Luther

B' e manach agus ollamh Gearmailteach a bha ann am Màrtainn Lùtair (Eisleben, 10 an t-Samhain 1483 - Ibidem, 18 an Gearran 1546).

Bha na beachdan ùra aige a' tòiseachadh an Ath-Leasachaidh.

Martin Luther
Martin Luther
neach-teagaisg oilthigh

Beatha
Ainm slàn Martin Luder
Breith Eisleben, 10 dhen t-Samhain 1483
Dùthaich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Àite-fuirich Eisleben
Mansfeld
Magdeburg
Eisenach
Erfurt
Wittenberg
Bàs Eisleben, 18 dhen Ghearran 1546
Àite-adhlacaidh Eaglais nan Naomh Uile
Teaghlach
Athair Hans Luther
Màthair Margarethe Luther
Cèile Katharina von Bora (en) Translate  (1525 -  1546)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Erfurt
(1501 (Gregorian) - 1505 (Gregorian)) ceum maighstireachd
Oileanaich dotaireachd Andreas Hoffrichter (en) Translate
Cànain Laideann
Àrd-Ghearmailtis Nuadh
Gearmailtis
Oileanaich Martin Helwig (en) Translate
Jacob Heerbrand (en) Translate
Michael Neander (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, diadhair, ollamh, western Christian monk (en) Translate, neach-lagha, eadar-theangadair a' Bhìobaill, sgrìobhadair laoidhean, Protestant reformer (en) Translate, preasbadair, feallsanaiche, aoghaire, sgrìobhadair, searmonaiche, ceòl-sgrìobhaiche agus scribe (en) Translate
Àitichean-obrach St. Augustine's Monastery (Erfurt) (en) Translate
Fastaichean University of Wittenberg (en) Translate
Obraichean comharraichte Ninety-five Theses (en) Translate
Buaidh Naomh Augustine à Hippo
Gluasad Ath-bheòthachadh na Gearmailte
An t-Ath-Leasachadh
Pròstanachas
Creideamh
Creideamh Latin Church (en) Translate
Lutharanachd
Òrd Augustinians (en) Translate
IMDb nm1051447
Martin Luther

Beatha Mhàrtainn

Rugadh Màrtainn Lùtair (Martin Luther 'sa Bheurla) 10 an t-Samhain 1483 ann an Eisleben ann an Sagsainn-Anhalt. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar thuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e Laideann, gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’ s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do Oilthigh Erfurt. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: "Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach". Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd. An uair sin chaidh e gu Wittenberg airson rannsachadh diadhaireachd, far an do dh’ionnsaich e Greugais agus Eabhra. Ann an 19 an Dàmhair 1512 cheumnaich e le PhD. An dèidh sin thòisich e air a theagasg mar ollamh mu "Lectura in Biblia" ann an Oilthigh Wittenberg.

Beachdan ùra

Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Bha Màrtainn Lùtair a’ teagasg mun Bhìobaill, ach airson bhliadhnachan bha smaoin trom aige: ciamar a gheibh mi Dia iochdmhòr? Aon oidhche, (chan eil an luchd-rannsachaidh cinnteach: eadar 1511-13 neo 1515-18) nuair a bha e a’ meòmhrachadh air rann Rom.1.17, thàinig an fhreagairt tro rann Hab. 2.4. : Is e gibht iochdmhor a tha anns a’ cheartas Dhè. Tha na daoine ga fhaighinn tron chreideamh a-mhàin. Chan urrainnear seo a chuir an gnìomh tron obair neo cliù fhèin! A-nis bha beachdan Mhàrtainn Lùtair gu tùr an-aghaidh malairt le litrichean-loghaidh, a rinn an eaglais Chaitligeach.

Martin Luther 
Universität Wittenberg

Mar sin sgrìobh e 95 argamaid a chuir e gu àrd easbaig Mhainz agus gu sagartan eile airson deasbad diadhaireachd a thòiseachadh. Canar gun do chuir e iad ri doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg anns an 31. den Dàmhair 1517 cuideachd. Cha robh Lùtair a’ gearan mu na dòighean aithreachais ceàrr a-mhàin, dh’iarr e ath-leasachadh am broinn na h-eaglaise cuideachd. Gu nàdarra cha do dh’aontaich an Eaglais Caitligeach ris na h-argamaidean. Mar sin bha tòrr cùisean-lagha ann, m.e.: Èigheachd Worms (Gearmailtis: Reichstag zu Worms), far an tuirt Màrtainn Lùtair: Tha am Bìoball os cionn riaghailtean na h-eaglaise. An dèidh sin chuir am Pàpa Màrtainn fon choill ann an 1521. Chaidh casg a chuir air na pìosan a sgrìobh Lùtair.

Martin Luther 
Bìoball Lùtair

Fhuair Lùtair cuideachadh bho Frederick III à Sagsainn-Anhalt, a chuir air falach e mar „Junker Jörg“ air a’ Wartburg ann an Thüringen. An seo dh’eadar-theangaich e am Bìoball tùsail bhon Ghreugais agus Eabhra gu Gearmailtis ann an 11 seachdainean a-mhàin. Ach rinn e sin ann an cànan làitheil nan daoine. B’ e sin am Bìoball ris an canar Lutherbibel (Bìoball Lùtair) an-diugh. Leis an inneal clò-bhualadh ùr chaidh am Bìoball fhoillseachadh air feadh na Gearmailt gu math luath. Thòisich na daoine an cànan às a' Bhìoball a chleachdach. B’ e sin an t-àm far deach an Àrd-Ghearmailtis oifigeil a chruthaich.

An t-Ath-Leasachadh

Aig an aon àm bha Melanchthon, deagh charaid aig Mhàrtainn, a’ sgaoileadh nam beachdan ùra. O chionn 's gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhàgail. Theich mòran manachan agus cailleachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a’ stèidheachadh ris an cainte Eaglais Pròstanach (bho protestare: casaid, gearan).

Ach bha trioblaidean mòra ann am Wittenberg mu na dòighean ceart anns an eaglais ùir agus mar sin chaidh Màrtainn air ais. Dh’atharraich esan an t-aifreann a rèir a’ Bhìoball. Gus 1545 chuir e òraidean seachad ann am Wittenberg agus ghabh e a bheachdan airson chuspairean diofraichte. Ach anns an fharsaingeachd cha do chuir esan an t-Ath-Leasachadh air adhart.

Bha Màrtainn an aghaidh an t-seasganachd cuideachd. Ann an 1525 phòs e Katharina von Bora, cailleach dhubh, a theich às a’ mhanach. Bha sianar cloinne aca. Chaochail e air turas ann an Eisleben ann an 1546, ach chaidh a thìodhlacadh ann an Eaglais a' Chaisteil Wittenberg.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Martin Luther 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Martin Luther Beatha MhàrtainnMartin Luther Beachdan ùraMartin Luther An t-Ath-LeasachadhMartin Luther IomraidheanMartin Luther Ceanglaichean a-muighMartin Luther10 an t-Samhain1483154618 an GearranA' GhearmailtAn t-Ath-LeasachadhEisleben

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

537149818461357Roy J. PlunkettGreta GarboAaron CiechanoverJames MonroeDealanA' ChaitheamhBaile na h-ÙigeLùthCofaidhCarl BoschPort StíobhairdKarl MarxMaramureş (Siorrachd)183811 am MàrtKeir HardieA' BhruisealTaghadh Albannach 2016Rìoghachd na h-AlbaBogsa-litricheanCoilleAlmere918A' ChairtbheilBydgoszczSaltneyEdward HeathArcaibh31 an DùbhlachdPuncInnis Cheith1860Punnd Sasannach28 an t-IucharAgnostachdCroitearachd1289Osaka7 an t-SamhainRoger Penrose39An Crios-GrèineAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannBall-coise Aimearaganach17 an Dàmhair23 an Dàmhair1029Naomh Crìstean (eilean)YakÙisdean MacDhiarmaidBananaFàirePersia8 an Lùnastal450Lakewood, ColoradoKlas Pontus ArnoldsonMaria Skłodowska-CuriePrìomh-mhinistearan na h-AlbaNeach-poileataigs1995Eòlas-leighisDriùchdNew Haven, ConnecticutAlbaNewsnight48622 an CèiteanAdhbharan nàdarra14mh Linn🡆 More