Oilthigh Halle-Wittenberg

Is e oilthigh aosmhor Gearmailteach a tha ann an Oilthigh Mhàrtainn Lùtair Halle-Wittenberg (Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg sa’ Ghearmailtis, Martin-Luther-University of Halle-Wittenberg sa’ Bheurla).

Oilthigh Mhàrtainn-Lùtair Halle-Wittenberg
Oilthigh Halle-Wittenberg
Stèidhichte 1502 (Wittenberg) agus
1694 (Halle)
Suidheachadh Wittenberg (Sagsainn-Anhalt), Halle (Sagsainn-Anhalt), a' Ghearmailt
Oileanaich ~20.000
Làrach-lìn http://www.uni-halle.de/

Tha e na laighe ann an Wittenberg agus ann an Halle (Saale) ann an Sagsainn-Anhalt anns a' Ghearmailt. B’ àbhaist a bhith dà oilthigh ann a chaidh an cuir ri chèile ann an 1817.

Eachdraidh

'S e am pàirt den Oilthigh Wittenberg ris an canar “Leucorea” am fear as sine. Chaidh a stèidheachadh ann an 1502 le cuideachadh bho rìgh Frederic III. Bha e ceangailte ris a’ mhanachainn Augustineum. Thòisich iad air eòlas-lagha, eòlas-diadhachd agus eòlas-leighis a theagasg. Bho 1508 bha Màrtainn Lùtair ag obair an seo. Bha Philipp Melanchthon na àrd-ollamh airson cànan Greugais. Anns an 16mh linn bha an t-Oilthigh Wittenberg cliùiteach airson rannsachaidh chreideimh.

Oilthigh Halle-Wittenberg 
Togalach Oilthigh Halle ann an 1836

Ach nuair a ràinig Napoleon Sagsainn ann an 1813, dhùin e an t-oilthigh. An uair sin dh’ imrich Oilthigh Wittenberg gu Halle.

Ach bha Oilthigh Halle an-seo mar thà, fear a chaidh a stèidheachadh ann an 1694. Ann an 1817 chaidh an dà oilthigh a chuir ri chèile mar Vereinigte Friedrichs-Universität Halle-Wittenberg. Is e sin as adhbhar gu bheil dà dealbh aig an oilthigh. Dh’atharraich an t-ainm a-rithist gu Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg ann an 1933.

Oilthigh Halle-Wittenberg 
An talla "Audimax" an-diugh

An-diugh tha ionad airson eachdraidh an Ath-leasachaidh ann, ionad airson Cànan agus Dualchas na Gearmailt, agus ionad airson rannsachadh mu na Stàitean Aonaichte.

Daoine cudromach

Daoine cudromach ann an Oilthigh Wittenberg:

Àrd-ollaimh cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:

Oileanaich cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:

Ceanglaichean a-muigh

Tags:

1817A' GhearmailtBeurlaGearmailtisHalle (Saale)Sagsainn-AnhaltWittenberg

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

El AaiúnAn GibleanPàipear-naidheachdPunnd SasannachNeach-poileataigsInnleadaireachd778An t-SuainCeòl-sgrìobhaiche1 am FaoilleachDi-haoineLouis PasteurEadar-lìonDàin do EimhirSluagh-phoblachd na SìneCat26 am FaoilleachLilongwe60Còd Àireamh fòn eadar-nàiseantaAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is Èireann65TehranMarie AntoinetteEabhraig Nuadh (baile)LidePlastaigDigital Object IdentifierOilthigh Chill RìmhinnAn ÈipheitPaul KrugmanDeuteronomiFiaclairKhmelnytskyi2005Gregor MendelGàidhligLeabharDelawareMosgRuisisA' Ghrèig Àrsaidh4 an GearranAm Manifesto ComannachDonald Trump2020CalafòrniaSchleswig-HolsteinCopenhagenLisbonAngolaBith-eòlas1754Aibidil15 an GibleanIosif StalinLùth ath-nuadhachail7 an Giblean3 an t-IucharAn TàinistearIùdais1994MosgoEdwin Morgan19771778Pàiste1940an🡆 More