ʼS e Hòmair (Greugais: Όμηρος, Beurla: Homer) am bàrd Greugach a sgrìobh na dàin mhòra Iliáda agus Odýsseia.
Chan eil mòran fiosrachaidh againn mʼ a dheidhinn - no fiù ʼs an robh an duine ann idir, oir tha feadhainn den bheachd gur e buidheann de dhaoine a sgrìobh na dàin sin. Tha feadhainn eile den bheachd gur e boireannach a bhʼ ann. A rèir seann-sgeul ʼs e bàrd dall a bhʼ ann a bha a' fuireach ann an Ionia. Thathar aʼ creidsinn gun robh e beò mu 800 R.Ch.
Hòmair | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Ὅμηρος |
Breith | unknown value, linn IX BCE |
Dùthaich | Ionian League |
Cinneadh | Grèigich |
Ciad chànan | Seann-Ghrèigis |
Bàs | Ios (en) , linn VIII BCE |
Foghlam | |
Cànain | Seann-Ghrèigis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, ùghdar agus sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | Iliad (en) Odyssey (en) Homeric epics (en) |
Gnè ealain | euchd-dhàn |
IMDb | nm0392955 |
Dh'eadar-theangaich Iain MacIllEathain à Ratharsair eadar-theangachadh an Odusseia gu Gàidhlig nuair a leig e a dhreuchd dheth ann an 1966. Dh'fhoillsich Gairm e, mar "Odusseia Homair", ann an 1976.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Hòmair, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.