‘S e prìomh-bhaile na roinne Sucre, ann an Coloimbia, a th’ann Sincelejo, neo San Francisco de Asís de Sincelejo.
Sincelejo
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Sucre | ||||
Sgìre | Costa Caribeña | ||||
Àirde | 213m | ||||
Co-chomharran | 049 18' Tuath 75° 24' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,535 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 237,618 (2005) | ||||
Dlùths | 154.8/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Shincelejo |
Tha e suidhichte aig àirde dhe 213m os cionn ìre na mara ann an àirde an ear-thuath na dùthcha 987km air falbh bho Bhogotá. Tha teodhachd meadhan dhe 27.1° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1535 dìreach ri taobh Oirthir na Cairibianach. Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus air gnìomhachas a’ chruidh. Tha àireamh-sluaigh dhe 237,618 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh. 'S e Sincelejo an 23mh baile as motha na dùthcha.
Ged a tha 237,618 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,979 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Sincelejo, ach tha 14.5% dhe Tùsanaich agus 9.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 87.5% dhe na daoine ann an Sincelejo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 50% dhe na dachannan.
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Sincelejo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Sincelejo, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.