Bogotá

Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia

Bogotá
Flag of Bogotá.svgEscudo de Armas de Bogota.svg
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Bogota Cundinamarca.png
Sealladh air a' bhaile
Bogotá, Cundinamarca, Colombia.jpg
Suidheachadh
DùthaichFlag of Colombia.svg Coloimbia
RoinnFlag of Cundinamarca.svg Cundinamarca
Àirde2600m
Teòthachd chuibheasach12˚
Co-chomharran4° 35' 56" Tuath
74° 04' 51" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd1,587 km²
Àireamh-shluaigh6,840,116 (2005)
Dlùths4,310.09/km²
Duilleag oifigeilBogota Official Site

Tha Bogotá na phrìomh-baile Choloimbia. A bharrachd air sin, 's prìomh-bhaile na roinne Cundinamarca agus an Distrito Capital. 'S e Santa Fe de Bogotá an t-ainm oifigeil a th' air anns an Spàinntis. Bha àireamh-shluaigh dhe 6,840,116 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.[1] 'S e Bogotá am baile as motha na dùthcha[2] an còigeamh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[3] agus an 23mh baile as motha na cruinne.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1538.

Freumhan an Ainm

Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Guadalajara de Buga, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Santa bhon fhacal Laideann Sanctus[5] (Coisrisgte) agus Fe (Creideas) bhon fhacal Laideann Fides.[6] Thathar ag ràdh gur ann às an ainm Bacatá a th'ann an eileamaid Bogotá, a tha a' ciallachadh dùin, leis gur e prìomh-bhaile nan Zipa a bh'ann.[7] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Wak'ata an seann ainm a bh' air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh àite coisrigte.[8]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 6,840,116 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 15,606 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Eachdraidh

Chaidh Jorge Eliecer Gaitán, a bha na thagraiche do cheannas na dùthcha airson nan Libearalach, a mharbhadh ann am Bogotá ann an 1948. Lean aimhreit agus comh-strì sna sràidean sa bhaile fad seachdain agus bha meadhan a' bhaile a mhilleadh gu tur. B' e Am Bogotazo an t-ainm a chuireadh air sin. Thàinig cogadh an a dhèidh. Ann an 1957, an dèidh dusan bliadhna de deasbad, chaidh sgìre shònraichte a stèidheachadh mu timcheall a' bhaile. Chaidh 5 baile eile a thoirt a-steach fo a sgàil: Bosa, Engativá, Fontibón, Subá, Sumapaz agus Usaquén. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[10] ach chan fhaodadh càil a dhèanamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bogotá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean co-cheangailte

Daoine ainmeil

Oilthighean

Ann an litreachas

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Mongabay
  4. Bailtean as motha na cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500] 30mh dhen Ògmhios 2013.
  5. Real Academia de la Lengua
  6. Real Academia de la Lengua
  7. Bogotá Mía
  8. Organización de Estados Iberamericanos
  9. Colombia Virtual
  10. Banrepcultural
  11. Country Studies: Colombia
  12. SisterCities
  13. SisterCities
  14. Comhairle Mhadrid
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article Bogotá, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.