Baile Pereira

‘S e prìomh-bhaile na roinne Risaralda, ann an Coloimbia, a th’ann Pereira.

Pereira
Baile Pereira Baile Pereira
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Baile Pereira
Sealladh air a' bhaile
Baile Pereira
Suidheachadh
Dùthaich Baile Pereira Coloimbia
Roinn Baile Pereira Risaralda
Sgìre Eje Cafetero
Àirde 1411m
Co-chomharran 4° 48' 51' 4' Tuath
75° 41' 40' 41' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 628 km²
Àireamh-shluaigh 443,554 (2005)
Dlùths 706.3/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Phereira

Tha e suidhichte aig àirde dhe 1411m os cionn ìre na mara 294km air falbh bho Bhogotá agus tha e faisg air Cali agus Medellín. A bharrachd air sin, tha teodhachd meadhan dhe 23° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1863 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 443,554 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh. 'S e Pereira an 13mh baile as motha na dùthcha.

Freumhan an Ainm

'S e Cartago a' chiad ainm a fhuair am baile leis gur e à Cartagena de Indias a bha a'mhòr-chuid dhe na saighdear a ràinig ann ann 1540. Chaidh an t-ainm a dh'atharrachadh gu Pereira ann an 1863 mar chuimhe air José agus Manuel Peraira, dithis bhràthar a chuir am baile air bhog nuair a bha iad a' teiche bho na Spàinntich aig àm Cogadh an Neo-Eisimeileachd eadar 1816 agus 1819.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 443,554 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 72,315 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Pereira, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 5.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 93% dhe na daoine ann an Pereira leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 77.8% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pereira. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-Cheangailte

Daoine Ainmeil

César Gaviria Trujillo (1947): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1990 agus 1994.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann am Pereira

Tags:

Baile Pereira Freumhan an AinmBaile Pereira Sluagh a bhaileBaile Pereira FèiseanBaile Pereira Bailtean Co-CheangailteBaile Pereira Daoine AinmeilBaile Pereira IomraidheanBaile Pereira Ceanglaichean A-machBaile Pereira18632005BogotáCaliCofaidhColoimbiaEaconomaidhMedellínMuirRisaralda (Roinn)Spàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Leabhar-eòlaisSpàinntisÒrEòlas-leighisCiNiiTeicneòlasLisbonGintinneachdA' Ghrèig Àrsaidh21 an t-ÒgmhiosSgoilAn Rìbhinn (planaid)Brabhsair-lìnAmy WinehousePoblachd na h-ÈireannLilongweDubaiNa Stàitean AonaichteSyracuse, Eabhraig NuadhEilean nan EichGeorgia (stàit)GiùlanDelawareInnealCànanMuir CairibianachÀrc-eòlas1930Ceòl-sgrìobhaiche3 an Giblean190413431940anAbraham LincolnTehran751Cuan na h-ÈireannDùn Èideann7mh Linn2016Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasFort Lauderdale, FloridaPoileataigsUtahMinecraftTaylor SwiftEl Aaiún1154JohannesburgCoimpiutaireachd10 am MàrtLos Angeles28 am FaoilleachFirefox21 an DùbhlachdOilthigh LunnainnDùthchannan an t-SaoghailTomás Herrera12na linn RCAndrés Pastrana Arango2030anHTML5 an t-ÒgmhiosBanguiFànas20211724SgrìobhadairLàn-thoradh Dùthchail10 an t-ÒgmhiosAn t-Suain546 RC1431🡆 More