Baile Armenia

‘S e prìomh-bhaile na roinne Quindío, ann an Coloimbia, a th’ ann an Armenia.

Armenia
Baile Armenia Baile Armenia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Baile Armenia
Sealladh air a' bhaile
Baile Armenia
Suidheachadh
Dùthaich Baile Armenia Coloimbia
Roinn Baile Armenia Quindío
Sgìre Eje Cafetero
Àirde 1551m
Teòthachd chuibheasach 18˚-20˚
Co-chomharran 4° 32' Tuath
75° 40' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 140 km²
Àireamh-shluaigh 280,930 (2005)
Dlùths 2,006.64/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Armenia

Tha e suidhichte aig 1,551m os cionn ìre na mara, 259km air falbh bho Bhogotá, agus tha teodhachd mheadhanach dhe eadar 18° agus 22° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1889 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Bha àireamh-shluaigh dhe 280,930 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh. 'S e Armenia an 21mh baile as motha na dùthcha. Chaidh am baile a steidheachadh air 14 an Dàmhair 1889.

Freumhan an Ainm

Bha am baile air a bhith ainmeachadh Villa Holguín leis gur e Carlos Holguín a bha na cheann-suidhe aig àm steidheachadh a' bhaile, ach rinn na Ruisiannach droch mhort ann an Airmeinia. Le sin fhuair am baile ainm eile mar chuimhne air ìobairtich a' Mhuirt.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 280,930 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,816 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Armenia. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.6% agus tha 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Armenia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 68.1% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Armenia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

An t-sìde ann an Armenia

Tags:

Baile Armenia Freumhan an AinmBaile Armenia Sluagh a bhaileBaile Armenia FèiseanBaile Armenia IomraidheanBaile Armenia Ceanglaichean a-machBaile Armenia14 an Dàmhair18892005BogotáCofaidhColoimbiaEaconomaidhMuirQuindío (Roinn)Spàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Baile DhunlèibheEileanCothrom (Uibhist a Deas)ZandvoortEigeCamarunSincCòceinStaoinÀrsaidheachdInnleadaireachdAmhachParisLeo Tolstoj15 an GibleanAtharrachadh na Gnàth-shìdePagastànA' GhearmailtPoblachd Meadhan AfragaGràdh Geal Mo Chridh'TavauRaspberry Pi19 an GearranCùbaCòraichean daonnaJosé SaramagoOstravaPatrick WhiteKasabianAlbaBlàr Athall's-HertogenboschLeabhar nan ceistBristolAn UngairEl GrecoCànanan Innd-EòrpachCarl Theodor SetterbergColaiste DartmouthAn HeraldPoblachd DhoiminiciaAn EilbheisFeallsanachdGuianaAonadh EorpachTairbeartBall-stèidheEileanan AlbannachNa h-Eileanan Mhaladaibh11 an t-SamhainTràth làthaireachAdolf EichmannContae na MíAn Dàrna CogadhRuisisEachdraidhNeapàlArabaisFionnghal NicDhòmhnaillHeinrich Wieland1672Na Stàitean AonaichteCànanan RòmanachPaul SamuelsonBlàr Sliabh an t-SiorraimEòlas-leighisRìoghachd na h-AlbaInneal broinne-losgaidhZanzibarMayboleBaile a' ChipStalineachdRiochdaire dioplòmasachEsra🡆 More