Göteborg

‘S e baile uabhasach mòr agus port cudromach air an àirde an iar-dheas na Suaine a tha ann an Göteborg (IPA: /ʝøtəˈbɔrj/, Beurla: Gothenburg, Liotuànais: Geteborgas, Laideann: Gothoburgum).

Göteborg
Göteborg
Gearradh-arm
no Seula
Göteborg
Göteborg
Suidheachadh
Dùthaich Göteborg An t-Suain
Ceàrn Göteborg Bohuslän
Sgìre Göteborg Västra Götalands län
Co-chomharran 57° 42 00' Tuath
11° 58 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 32.58 km²
Àireamh-shluaigh 526,054 (2012)
Dlùths 16,146.53/km²
Àireamh fòn (+ 46) 31
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte air caolas air a bheil Kattegat, a sgarras an t-Suain bho Danmhairg, aig beul na h-aibhne Göta, aig 10m os cionn ìre na mara, anns an roinn (Suainis: län) Västra Götaland, 396km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 191km bho Helsingborg, 244km bho Mhalmö, 409km bho Uppsala agus 1,035km bho Bhoden. Chaidh Göteborg a stèidheachadh ann an 1621 leis an rìgh Gustavus Adolphus II, agus tha an t-ainm a' ciallachadh Dùn nan Gotach sa Ghàidhlig. Tha 526,054 duine a' fuireach ann, is 945,713 san sgìre air fad. 'S e a dàrna baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd. Tha Alba agus na Tìrean Ìsle air buaidh mhòr a thoirt air Göteborg fad na linntean tro mheadhan a' mhalairt agus tha fiù 's sloinnidhean Albannach cumanta sa bhaile gus an latha an-diugh. 'S e an treas fear as aosta na dùthcha a th' ann Oilthigh Ghöteborg.

Freumhan an Ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à gotn (Gàidhlig: gotach) agus borg (dùn) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Dùn nan Gotach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus Gothenburgh sa Bheurla Ghallta. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda burgh a th' ann am borg.

Eachdraidh

Bho 1867 gu ruige 1929 b' e Elfrida Andrée a bh' ann cluicheadair-orgain na h-àrd-eaglaise, a' chiad thè a fhuair an dreuchdan seo a-riamh. Chaidh Oilthigh Ghöteborg a stèidheachadh an seo ann an 1891. Chaochail an sgrìobhadair Henning Mankell an seo ann an 2015.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Göteborg 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Göteborg Freumhan an AinmGöteborg EachdraidhGöteborg Daoine ainmeilGöteborg Bailtean co-cheangailteGöteborg IomraidheanGöteborg Ceanglaichean a-machGöteborg1621AlbaAn t-SuainBeurlaBodenCaolDanmhairgHelsingborgIPAKattegatLaideannLiotuànaisMalmöMuirNa Tìrean ÌsleOilthigh GhöteborgPortPrìomh-bhaileStockholmSuainisUppsala

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

DealanDigital Object IdentifierAdolf HitlerTaigh na h-UiseigBaile Átha Cliath28 am MàrtLunnainnLee Marvin30 an Dàmhair1504MonacoWikimediaGuatamalaRuaraidh MacFhionghain12 an GibleanSpòrsCogaidhean na CroiseMatamataigearGnothachasBall-coiseSpàinntisCruitVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)Ceimigeachd1894FionnlannaisEartra1912800Lon dubhA' PhruisJakartaAn Innd-InnseMianmarPopayánAlexei NavalnyUilleam UallasÁlava (provincia)Carl BoschStaitistearachd19mh LinnCànanachas12 an t-Ògmhios1835Taylor SwiftMiotas-eòlas21 an t-ÒgmhiosJohn Paul JonesJohn Howard NorthropSasainnLinne FoirtheÈirinn (eilean)14 an LùnastalBreatainn MhòrSileadhMisael Pastrana BorreroCoireaCroitearachdSeoulEl Salbhador780Fluarainlàrach-lìnBocsaMarie AntoinetteUisge🡆 More