'S e dùthaich anns an Roinn Eòrpa an iar a th’ anns na Tìrean Ìsle [1] (Duitsis: Nederland, IPA: ˈne:dərlɑnt); ainm eile: An Talamh Ìseal [2] neoAn Isealtìr.[3] 'S e ball den Aonadh Eòrpach. Gu math tric canar an Òlaind seach na Tìrean Ìsle ris. Ach chan e an Òlaind ach dà sgìre de na Tìrean Ìsle.

Koninkrijk der Nederlanden
Flag of the Netherlands.svg
Bratach
Royal Coat of Arms of the Netherlands.svg
Gearradh-arm
EU location NED.png
Laoidh Nàiseanta
"Het Wilhelmus"
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Je maintiendrai"  (Fraingis)
"Ik zal handhaven"  (Duitsis)
"Glèidhidh mi"
Cànan(an) oifigeilDuitsis
Mion-chànan(an)Friseach, Dutch Low Saxon, Limburgish
Prìomh-bhaileAmsterdam
Baile as mothaAmsterdam
RiaghaltasMonarcachd bhun-reachdail

(Deomocrasaidh pàrlamaideach)

RìghWillem-Alexander
Prìomh-mhinistearMark Rutte
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd26mh, An t-Iuchar 1581
Aithnichte30mh, Am Faoilleach 1648
Farsaingeachd
Iomlan41,526 km² (134mh)
Uisge18.41 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan16,408,557 (61mh)
Dlùths395/km² (25mh)
LTD/CCC (2006)
gach pearsa$35,078 (10mh)
Roinn tìdeCET (UTC+1)
as t-samhradhCEST (UTC+2)
Ruith-airgidEuro (€)
Prìomh àrainn-lìn.nl
Còd Àireamh fòn31

'S e am pàirt Eòrpach de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle, tha an còrr den Rìoghachd, na h-Eileanan Aintilia (Netherlands Antilles) agus Arùba, suidhichte anns a' Chairibìan san àirde thuath air a' Bheiniseala. Tha na Tìrean Ìsle suidhichte aig a' Chuan a Tuath, agus ri taobh an ear na Gearmailt agus ri taobh a deas na Beilge. Tha Amsterdam na phrìomh-bhaile.

Tha na Tìrean Ìsle cliùiteach air sgàth 's na muileann-gaoithe aca, càise, clogs (brògan à fiodh) tuiliop agus delftware (obair-criadha sònraichte). Tha na riaghailtean gu math libearalach, tha an dùthaich iomraiteach anns na laghan libearalach mu drugaichean, siùrsachd agus co-sheòrsachd.

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Bailtean mòra

Seo lista na bailtean as motha anns an Òlaind:[4]

Bailtean eile

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  4. Monmgabay
 
Muileann-gaoithe agus tuiliop anns na Tìrean Ìsle
 
Delftware
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: