Kraków

Tha Kraków (Polais: Kraków, IPA: 'krakuf, Gearmailtis: Krakau, Liotuànais: Krokuva, Laitbhis: Krakova) na bhaile mòr anns a' Phòlainn.

Kraków
Kraków Kraków
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Kraków
Suidheachadh
Dùthaich a' Phòlainn
Ceàrn Małopolska Province
Co-chomharran 50° 3′ 41″ Tuath
19° 56′ 18″ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 327 km²
Àireamh-shluaigh 761,873 (2014)
Dlùths 2,329.89/km²
Àireamh fòn (+48) 024
Duilleag oifigeil www.krakow.pl

Tha Làrach Dhualchas na Cruinne an seo. Anns a' bhliadhna 2009 bha 754, 626 duine a' fuireach ann. Tha Krzeszowice faisg air Kraków. Tha Kraków 227km air falbh bho Lublin, 229km bho Kurów, 482km bho Gdańsk agus 252km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha. Chaochaill Czesław Miłosz, sgrìobhadair agus bàrd ainmeil, an seo ann san 14 an Lùnasdal 2004. Chaidh an t-Oilthigh Jagiellonian a stèidheachadh an seo ann an 1364. Tha Kraków suidhichte air an Abhainn Vistula ann am Pòlainn a Deas. Tha e 62 mìltean bhon t-Seic.

Eachdraidh

Tha sgrùdaidhean na rinn arc-eòlasaichean a’ sealltainn gun stèidheachadh tuineachadh ann an Linn a’ Choich san àite far a bheil Wawel an latha an-diugh. A bharrachd air sin, tha a’ bheul-aithris ag ràdh gur e riaghladair miotasach, air an robh Krakus, a stèidhich am baile air uamh ann an Wawel, far an robh dràgon craosach o shean. Dh’ fheuch mòran ridirean ris an dràgon a chur a-mach às an àite is iad a’ sabaid an aghaidh gun soirbheas, gus a thug greusaiche, air an robh Dratewka, caora làn pronnasg dha; dh’ ith an dràgon i, dh’ òl e uisge na h-aibhne Vistula is spreadh e. Chaidh Kraków a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 966 le fear-siubhail arabach Iùdhach às An Spàinn, air an robh Ibrahim ibn Ya'qub, a sgrìobh gur e àite cliùiteach taobh mhalairt a bh’ann.

‘S e baile mòr malairteach a bh' ann aig deireadh an 8mh Linn mar-thà, is e na phàirt leasan nam Piast. Thogadh caochladh thogalach ann an clachan-chreadha, mar eisimpleir an Caisteal Hatted, eaglais Ròmanach an Naoimh Adalbert, a’ chathair-eaglais agus an eaglais mhòr. Chaidh sgrios a dhèanamh air a’ bhaile gu lèir ri linn ionnsaighean nan Tartar ann an 1241, 1259 agus 1287. Chaidh Kraków a thogail a-rithist is chaidh Comhairle stèidheachadh ann an 1257, tro na laghan Magdeburg, a thug buannachdan chìsean is sochairean marsanta do mhuinntir a’ bhaile. Dh’ fhàs am baile na bu chudromaiche bho 1364, nuair a stèidhich Kazimierz III an t-Oilthigh Jagiellonian, an dàrna oilthigh na bu chliùitiche air àirde an ear na Roinn Eòrpa, an dèidh Oilthigh Phràg. Lean am baile air is e a’ fàs tro Aonadh na Pòlainn ri Liotuàinia ri linn uachdaranachd a stèidhich Jogaila (1386 – 1572). Mar phrìomh-bhaile stàit cumhachdail, agus ball na Lìog Hansa, bha am baile uabhasach tarraingeach do luchd-ciùird, luchd-malairt agus comainn-ciùird, is thug sin fàs do shaidheans is Ealain. Bha Kraków na phrìomh-bhaile na dùthcha, gu ruige 1609.

‘S e eachdraidh na Pòlainn air fad a th' ann eachdraidh a’ bhaile sin, is tha e uabhasach cudromach gun cuireadh Kraków, is A’ Phòlainn Ìosail (Pòlais: Małopolska) air fad, ris An Ostair nuair an do deach an dùthaich a roinneadh treas tursan fad an 18mh Linn eadar An Ruis, A’ Phrùis is An Ostair fhèin. Ann an 1809 chaidh e a chur ri Diùcachd Mhòr Warsaw ("cosantaireachd" neo stàit saideal iompaireachd mhòr na Frainge, a chruthaich Napoleón Bonaparte), ach cha do mhair an stàit seo idir. An dèidh mì-bhuaidh Napoleón chaidh Saor-bhaile Kraków a chruthachadh leis a’ bhaile is an sgìre mu thimcheall aig a’ Cho-chruinneachadh Vienna, ann an 1815. ‘S e an aon criomadh fhearainn shaor nam Pòlach a bh' ann co-dhiù, ach ghabh An Ostair thairis Saor-bhaile Kraków a-rithist, an dèidh ar-a-mach 1846. An uair sin bha e na phàirt Ìompaireachd na h-Ostair-Ùngair. Fiù 's fo bhuaidh na h-Ostair Chaitligeach, a bha mòran na bu cheadaiche na Pruise Phròstanach is na Ruise Ceart-chreideamhach, bha Kraków aig teis-mheadhan cultair na Pòlainn. Aig àm a’ Chogaidh Mhòir, gu h-àraidh ann an 1917, chaidh am baile a chruth-atharrachadh ann am Prìomh-ghearasdan nan Gearmailteach agus teis-mheadhan "stàit Phòlach" a bheireadh taic dhan a’ Ghearmailt. An dèidh a’ chogaidh, ‘s e Kraków fear dhe na sgìrean a bhrosnaich A’ Phòlainn ùr neo-eisimeileach. Ann an 1979 chaidh Karol Wojtyla, Àrd-easbaig a’ bhaile, ainmeachadh Pàp, anns An Roimh.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceangal a-mach

Iomraidhean

Kraków 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Kraków EachdraidhKraków Daoine AinmeilKraków Bailtean Co-cheangailteKraków DealbhanKraków Ceangal a-machKraków IomraidheanKraków1364A' PhòlainnAbhainnAn t-SeicCzesław MiłoszDùthaichGdańskGearmailtisIPAKrzeszowiceKurówLiotuànaisLublinLàrach Dhualchas na CruinneOilthigh JagiellonianPolaisWarsaw

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Airgead (malairt)Sgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachBAn Tòin MòrIstituto Centrale per il Catalogo UnicoLuís Vaz de CamõesMuA' Ghearmailt99An Innd-InnseAn Garradh Thlachdan Talmhaidh21 am FaoilleachA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a Deas90An t-Sèirb2013IasgachInnleadaireachdFònBàtaMalaidhsiaAlan TuringHTAn RuisSteòrnabhaghGreugaisWGlaschuTaigh Rìoghail HanòbhairRampjaarFriedrich EngelsProifeasanSüleyman IAn Giblean1815NileAildiriaNa Stàitean AonaichteRobbie ShepherdRìghrean na h-AlbaYAna CasaresCearcAm Bàs Dubh1937Siorrachd PheairtKofi AnnanSiostam Eadar-nàiseanta nan AonadanCunntasairJakartaAn Gut-a-TuathBoireann-dhligheachasAn Cogadh MòrIslamabadNa h-AimearaganRobert Bruce MerrifieldGerhard HerzbergWilliam DunbarLinne FoirtheAn Dàrna CogadhISOCeòlBean-nigheTutankhamunAn LaitbheThe Lord of the Rings (leabhar)ArabaisPàpa Beinidict XVIIapanaisLaphroaig1794Digital Object Identifier30 an t-SamhainOilthigh Bergen1599🡆 More