Cali

‘S e prìomh-bhaile na roinne Valle del Cauca, ann an Coloimbia, a th’ann Cali, neo Santiago de Cali (sanˈtjaɣo ðe ˈkali).

Cali
Cali Cali
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Cali
Sealladh air a' bhaile
Cali
Suidheachadh
Dùthaich Cali Coloimbia
Roinn Cali Valle del Cauca
Sgìre Cordillera Occidental
Àirde 995m
Co-chomharran 03° 27' 00' Tuath
76° 32' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 562 km²
Àireamh-shluaigh 2,119,908 (2005)
Dlùths 3,772.08/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Chali

Tha e suidhichte aig 995m os cionn ìre na mara agus 440km air falbh bho Bhogotá. agus tha teodhachd meadhan dhe 25° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1536 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan. Bha cunntas-sluaigh dhe 2,119,908 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, 'S e Cali an treas baile as motha na dùthcha. agus an 12mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach

Freumhan an Ainm

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seumas, neo Santiago ann an Spàinntis. Thathar a' creidsinn gur e facal Quechua a th'ann an eileamaid Cali, leis cho faisg 's a tha am baile ri seann chrìochan Tawantinsuyu. 'S e Cali an t-ainm a tha air abhainn a' bhaile cuideachd.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 2,119,908 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 36,737 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Cali. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.5% agus tha 26.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.9% dhe na daoine ann an Cali leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 81.9% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cali. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

Daoine Ainmeil

Ceanglaichan A-mach

An t-Sìde ann an Cali

Iomraidhean

Tags:

Cali Freumhan an AinmCali Sluagh a bhaileCali FèiseanCali Bailtean Co-cheangailteCali Daoine AinmeilCali Ceanglaichan A-machCali IomraidheanCali15362005Aimearaga-LaideannachBeanntan na h-AndesBogotáColoimbiaEaconomaidhMuirSpàinntisValle del Cauca (Roinn)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Christchurch, Sealainn NuadhEabhra73Dàibhidh CamshronFoghlamSteòrnabhaghIoràcPablo PicassoBallaratAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannAramaisRaibeart I na h-AlbaAm Bàs DubhCarbad-adhairLuibh-eòlasAn Dàrna CogadhBodach StòrrFàsach NubianachProifeasanGini Mheadhan-ChriosachAn t-SultainSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasDonetsk (Donetska Oblast)GJoaquín MosqueraIasgachAn Gut-a-TuathPopJohann Wolfgang von GoetheBaile Átha CliathBourgogneGerhard HerzbergLàn-thoradh DùthchailBanaisAn Baile NuaGavin DouglasA' GhrèigJarosław DąbrowskiA' BheilgCnòMalaidhsiaLeonardo Da VinciPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba7 an Giblean650Osàidea a DeasJaume Aymar i RagoltaCòcaireachdFang (eun)BealaruisisAn EadailtOgsaideanBorgMichael JacksonMohammad SarwarBerdianskNoam ChomskyDoricTaigh Rìoghail HanòbhairSCoirèa a DeasEabhraig Nuadh (baile)Yuri GagarinNa h-Eileanan a-staighTutankhamunLao Zi2001Schleswig-HolsteinPràgBùthDohaLideLouis PasteurRaibeart Burns🡆 More