Puerto Carreño

‘S e prìomh-bhaile na roinne Vichada, ann an Coloimbia, a th' ann Puerto Carreño.

Tha e suidhichte aig àirde dhe 51m os cionn ìre na mara agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1954 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus gnìomhachas a’ chruidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 13,288 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.

Puerto Carreño
Puerto Carreño
geographic location, human settlement, municipality of Colombia, tourist destination
Pàirt deVichada Deasaich
Cur air cois16 dhen Iuchar 1930 Deasaich
Ainm oifigeilPuerto Carreño Deasaich
Ainm dùthchasachPuerto Carreño Deasaich
Neach bhon àiteCarreñenses Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhailePuerto Carreño Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailVichada Deasaich
Faisg air an uisgeOrinoco River Deasaich
Domhan-leud is -fhad Deasaich
Basic form of governmentdirect democracy Deasaich
AuthorityPuerto Carreño Government Deasaich
Crìoch còmhla riA' Bheiniseala Deasaich
Visitor centerPuerto Carreño Tourism Council Deasaich
Cód a’ phuist990001–990017 Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.puerto-carreno.com Deasaich

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 13,288 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,256 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Carreño, ach tha 23.8% dhe thùsanaich agus 5.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 83.7% dhe na daoine ann an Puerto Carreño leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4 % dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Carreño. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Tags:

Puerto Carreño Sluagh a bhailePuerto Carreño FèiseanPuerto Carreño Ceanglaichean a-machPuerto Carreño IomraidheanPuerto Carreño19542005ColoimbiaCrodhEaconomaidhMuirSpàinntisVichada (Roinn)Àiteachas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Edwin MorganDealanIùdaisAn Eilbheis20062008Dùthchannan an t-SaoghailEadar-theangachadh1975Singeapòr1456Eugenio MontaleGàidhlig meadhan na maraCathair na BhatacainBun-sgoil Taobh na PàirceEaglais ChaitligeachTongaGiùlanGearradh-armEunSeòras IIIFìdheallCòd-puistBaile Átha CliathTionndadh Gnìomhachais1941Bangladais18382013IeremiahGustav KirchhoffAn Spàinn18461994An Ear MheadhanachRéunion11 am Faoilleach1992An Dàrna CogadhIaltagBeilise1934Sinéad O'ConnorEadar-lìonIoràc1120UicipeidPrìomh-mhinistearUilleam III Shasainn is II AlbaNiocaraguaAstràilia a Deas1778WürzburgPàirc Nàiseanta Yosemite1626CopenhagenPearùPalastainBerne1 am FaoilleachKhmelnytskyiAchadh na FeàrnaJosé Vicente Concha3 an GibleanAchd na Gàidhlig 2005MosgoCòcein12876 am MàrtMìle-bliadhnaGalldachd17241980an🡆 More