Baile Montería

'S e prìomh-bhaile na roinne Córdoba, ann an Coloimbia, a th'ann Montería.

Montería
Baile Montería Baile Montería
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Baile Montería
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Baile Montería Coloimbia
Roinn Baile Montería Córdoba
Àirde 18m
Co-chomharran 08º 45' 27' Tuath
75º 53' 24' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,141 km²
Àireamh-shluaigh 378,970 (2005)
Dlùths 120.65/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann an ceann a tuatha na dùthcha, ri taobh na h-aibhne Sinú, 393km air falbh bho Mhedellín, 807km bho Bhogotá. agus corra mhìle bho oirthir A' Chairibìan. Tha àirde meadhanach dhe 5m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚ rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1777. 'S e Montería an 19mh baile as motha na dùthcha.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 378,970 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 92,395 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Montería (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.4% agus tha 3.8 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.8% dhe na daoine ann an Montería leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 45% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Montería. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-Cheangailte

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Montería

Iomraidhean


Baile Montería 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Baile Montería Sluagh a bhaileBaile Montería FèiseanBaile Montería Bailtean Co-CheangailteBaile Montería Ceanglaichean A-machBaile Montería IomraidheanBaile Montería1777A' ChairibìanBliadhnaBogotáColoimbiaCórdoba (Roinn)Gnàth-shìdeMedellín

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

751An EilbheisBudapestBogotáGregor Mendel16 an t-IucharNational Library of the Czech Republic21 an DùbhlachdHTMLTonga2005Còd Àireamh fòn eadar-nàiseantaSomma Lombardo1941Asarbaideàn1545Eòlas-leighisPaul KrugmanBith-eòlasSpruisGintinneachdTelebhiseanMatamataigSzczecinAn Ear MheadhanachLuccaMì-rian oireach na pearsantachd1992Cànanan Ceilteach19705 an t-ÒgmhiosDuitsisOmaha, NebraskaSan FranciscoCòmhdhailColoimbiaCànanachasSpioradalachd1926Aibidil LaidinneachLunnainnTacoma, WashingtonEanchainnTaylor SwiftÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte3 an LùnastalMìosachan Griogarach19 an LùnastalAm Muir CaraibeachDùthaichClach-chreadhaF. W. de KlerkEabhraig Nuadh (baile)BriogaisAstràilia a DeasAisealClint EastwoodAfraga a DeasPoilinèis na Frainge21 an t-Ògmhios189119631846NeaptunEilean nan EichBoston, Massachusetts15 an DàmhairGnothachas19501995ArkansasAonadh-ciùirdBaile a' ChipUilleam III Shasainn is II Alba🡆 More